Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 8:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a sheall fir Ai nan dèidh, chunnaic iad, agus, feuch, chaidh deatach a’ bhaile suas gu nèamh, agus cha robh comas aca teicheadh an taobh seo no an taobh ud: agus thionndaidh an sluagh a theich don fhàsach air an ais air an luchd-tòrachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus sheall e air Sòdom agus Gomorrah, agus air fearann a’ chòmhnaird uile, agus chunnaic e, agus, feuch, chaidh deatach na tìre suas mar dheatach àmhainn.

Ach fàilnichidh sùilean nan aingidh, agus dol as cha bhi aca; agus bidh an dòchas mar thoirt suas an deò.

Chreachadh iadsan a bha misneachail ann an cridhe; chaidil iad an cadal, agus cha d’fhuair na daoine treuna gu lèir an làmhan.

Cha tèid a chur as a dh’oidhche no a là; gu sìorraidh thèid a deatach suas: o àl gu àl bidh i fàs; gu linn nan linn cha tèid aon neach troimhpe.

Agus dh’èirich na daoine a bha ris an fheall-fhalach gu grad as an àite, agus ruith iad cho luath is a shìn e a‑mach a làmh: agus chaidh iad a‑steach don bhaile, agus ghlac iad e, agus rinn iad cabhag, agus chuir iad am baile ri theine.

Agus nuair a chunnaic Iosua agus Israel uile gun do ghlac luchd na feall-fhalaich am baile, agus gun deachaidh deatach a’ bhaile suas, an sin thill iad, agus bhuail iad fir Ai.

Agus nì rìghrean na talmhainn, a rinn strìopachas agus a chaith am beatha gu sòghail maille rithe, gul agus caoidh air a son, nuair a chì iad deatach a losgaidh,

Agus a‑rìs thubhairt iad, Haleluia. Agus chaidh a deatach suas gu saoghal nan saoghal.

A‑nis bha comharradh suidhichte eadar fir Israeil agus an luchd feall-fhalaich, gun tugadh iad air lasair mhòir le deataich èirigh suas as a’ bhaile.

Agus nuair a thòisich an lasair air èirigh suas as a’ bhaile, maille ri meall deataich, dh’amhairc na Beniàminich air an cùlaibh, agus, feuch, dh’èirich deatach a’ bhaile suas gu nèamh.

Agus nuair a thill fir Israeil a‑rìs, bha uamhas air fir Bheniàmin; oir chunnaic iad gu robh olc air teachd orra.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan