Iosua 8:2Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus nì thu ri Ai agus ra rìgh mar a rinn thu ri Iericho agus ra rìgh: a‑mhàin a chreach, agus a sprèidh, gabhaidh sibh mar chobhartach dhuibh fhèin. Cuir daoine ann am feall-fhalach an aghaidh a’ bhaile air a chùlaibh. Faic an caibideil |
Agus nuair a chunnaic rìgh Ai sin, rinn iad cabhag agus dh’èirich iad gu moch; agus chaidh fir a’ bhaile a‑mach gu cath an aghaidh Israeil, e fhèin agus a shluagh uile, ann an àm suidhichte, fa chomhair a’ chòmhnaird: ach cha robh fhios aige gu robh luchd feall-fhalaich na aghaidh air cùl a’ bhaile.
Agus nuair a chuir Israel crìoch air uile luchd-àiteachaidh Ai a mharbhadh, anns a’ mhachair, anns an fhàsach don do chuir iad an ruaig orra, agus nuair a thuit iad uile le faobhar a’ chlaidheimh, gus an do chuireadh as dhaibh, an sin thill na h‑Israelich uile gu Ai, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh.