Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 8:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Sìn a‑mach an t‑sleagh a tha ad làimh rathad Ai; oir bheir mise ad làimh e. Agus shìn Iosua a‑mach an t‑sleagh a bha aige na làimh, a dh’ionnsaigh a’ bhaile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Oir sìnidh e a‑mach a làmh an aghaidh Dhè, agus an aghaidh an Uile-chumhachdaich neartaichidh e e fhèin.

Nì am balg-saighid torman na aghaidh, an t‑sleagh loinnreach agus an gath.

Ach tog-sa suas do shlat, agus sìn a‑mach do làmh os cionn na fairge, agus sgoilt i; agus thèid clann Israeil a‑steach ann am meadhon na fairge air talamh tioram.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Falbh a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Abair ri Aaron, Sìn a‑mach do làmh led shlait os cionn nan aibhnichean, os cionn nan allt, agus os cionn nan lochan; agus thoir air na losgannan dol suas air talamh na h‑Eiphit.

Ach neartaichidh mi gàirdeanan rìgh Bhàbiloin, agus tuitidh gàirdean Phàraoh sìos; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna, nuair a chuireas mi mo chlaidheamh ann an làimh rìgh Bhàbiloin, agus a shìneas e a‑mach e air tìr na h‑Eiphit.

Agus cha d’fhàgadh duine ann an Ai, no ann am Betel, nach deachaidh a‑mach an dèidh Israeil: agus dh’fhàg iad am baile fosgailte, agus chaidh iad air tòir Israeil.

Agus dh’èirich na daoine a bha ris an fheall-fhalach gu grad as an àite, agus ruith iad cho luath is a shìn e a‑mach a làmh: agus chaidh iad a‑steach don bhaile, agus ghlac iad e, agus rinn iad cabhag, agus chuir iad am baile ri theine.

Oir cha do tharraing Iosua a làmh air a h‑ais, a shìn e a‑mach leis an t‑sleagh, gus an do lèirsgrios e luchd-àiteachaidh Ai uile.

An sin èiridh sibhse on fheall-fhalach, agus glacaidh sibh am baile: oir bheir an Tighearna ur Dia nur làimh e.

Agus thàinig am Philisteach air aghaidh agus tharraing e am fagas do Dhaibhidh; agus fear-iomchair a sgèithe roimhe.

An sin thubhairt Daibhidh ris an Philisteach, Tha thusa a’ teachd am ionnsaigh-sa le claidheamh, agus le sleagh, agus le sgèith; ach tha mise a’ teachd ad ionnsaigh-sa ann an ainm Tighearna nan sluagh, Dia armailtean Israeil, don tug thusa dùbhlan.

Agus bha caiseart umha air a chasan, agus targaid umha eadar a ghuaillean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan