Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 8:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cha d’fhàgadh duine ann an Ai, no ann am Betel, nach deachaidh a‑mach an dèidh Israeil: agus dh’fhàg iad am baile fosgailte, agus chaidh iad air tòir Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

A tha a’ glacadh nan daoine glice nan cuilbheartachd fhèin, air chor is gun tilgear sìos comhairle nan daoine fiara.

Ach cha leigeadh Sihon, rìgh Hesboin, leinn dol tro a fhearann: oir chruadhaich an Tighearna do Dhia a spiorad, agus rinn e a chridhe rag, a‑chum gun tugadh e thairis e dod làimh, mar a chìthear air an là‑an‑diugh.

Oir b’ann on Tighearna a bha e an cridheachan a chruadhachadh a‑chum gun tigeadh iad an aghaidh Israeil ann an cath, a‑chum gun sgriosadh e iad gu tur, agus nach biodh iochd sam bith air a nochdadh dhaibh, ach gun cuireadh e as dhaibh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Agus ghairmeadh an sluagh uile a bha ann an Ai an ceann a chèile gu dol air an tòir, agus chaidh iad air tòir Iosua, agus thàirngeadh on bhaile iad.

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Sìn a‑mach an t‑sleagh a tha ad làimh rathad Ai; oir bheir mise ad làimh e. Agus shìn Iosua a‑mach an t‑sleagh a bha aige na làimh, a dh’ionnsaigh a’ bhaile.

Agus dh’èirich Iosua agus an sluagh-cogaidh uile, a dhol suas an aghaidh Ai: agus thagh Iosua a‑mach deich-mìle-fichead fear treun ann an neart, agus chuir e air falbh iad anns an oidhche.

Agus chaidh clann Bheniàmin a‑mach an aghaidh an t‑sluaigh, agus thàirngeadh air falbh iad on bhaile; agus thòisich iad air cuid den t‑sluagh a bhualadh agus a mharbhadh, mar air uairean eile, anns na rathaidean mòra, de a bheil aon a’ dol suas gu taigh Dhè, agus aon gu Gibeah anns an fhearann, mu thimcheall deich-fir-fhichead de Israel.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan