Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 8:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn Iosua agus Israel uile mar gum buailte iad romhpa, agus theich iad rathad an fhàsaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Anns an fhàsach, Bet-arabah, Midin, agus Secacah,

Agus chaidh crannchur chloinn Iòseiph a‑mach o Iòrdan làimh ri Iericho gu uisgeachan Iericho air an làimh an ear, a dh’ionnsaigh an fhàsaich a’ dol suas o Iericho gu sliabh Bheteil,

Agus bha an crìoch air an taobh mu thuath o Iòrdan; agus chaidh a’ chrìoch suas gu taobh Iericho air an taobh mu thuath, agus chaidh i suas tron mhonadh a làimh na h‑àird an iar, agus bha a dol a‑mach aig fàsach Bhet-abhen.

Agus nuair a chunnaic rìgh Ai sin, rinn iad cabhag agus dh’èirich iad gu moch; agus chaidh fir a’ bhaile a‑mach gu cath an aghaidh Israeil, e fhèin agus a shluagh uile, ann an àm suidhichte, fa chomhair a’ chòmhnaird: ach cha robh fhios aige gu robh luchd feall-fhalaich na aghaidh air cùl a’ bhaile.

Agus chunnaic clann Bheniàmin gun do bhuaileadh iad: oir thug fir Israeil àite do na Beniàminich, a chionn gun d’earb iad ris an luchd feall-fhalaich a shuidhich iad làimh ri Gibeah.

Uime sin thionndaidh iad an aghaidh am fianais chloinn Israeil ri slighe an fhàsaich; ach rug an cath orra: agus iadsan a thàinig a‑mach as na bailtean sgrios iad nam meadhon.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan