Agus chaidh e as a sin gu sliabh air an taobh an ear de Bhetel, agus shuidhich e a bhùth, agus Betel aige air an taobh an iar, agus Hai air an taobh an ear: agus thog e an sin altair don Tighearna, agus ghairm e air ainm an Tighearna.
Agus chaidh an sluagh-cogaidh uile suas, a bha maille ris, agus chaidh iad am fagas, agus thàinig iad fa chomhair a’ bhaile, agus champaich iad air an taobh mu thuath de Ai: a‑nis bha gleann eadar iad agus Ai.
Agus nuair a shuidhich iad an sluagh, eadhon am feachd uile a bha air an taobh mu thuath den bhaile, agus an luchd feall-fhalaich air an taobh an iar den bhaile, chaidh Iosua anns an oidhche sin do mheadhon a’ ghlinne.