Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 8:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’èirich Iosua gu moch anns a’ mhadainn, agus dh’àireamh e an sluagh, agus chaidh e suas, e fhèin agus seanairean Israeil, ron t‑sluagh gu Ai.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èirich Abrahàm gu moch anns a’ mhadainn, agus dh’uidheamaich e a asal, agus ghabh e dithis de a òganaich maille ris, agus a mhac Isaac; agus sgoilt e fiodh airson an tabhartais-loisgte, agus dh’èirich e suas, agus chaidh e don àit a dh’innis Dia dha.

Rinn mi deifir, agus cha robh mi màirnealach a‑chum d’àitheantan a choimhead.

Agus dh’èirich Iosua gu moch anns a’ mhadainn; agus dh’imich iad o Shitim, agus thàinig iad gu Iòrdan, e fhèin agus clann Israeil uile, agus ghabh iad tàmh an sin mun deachaidh iad thairis.

Agus dh’èirich Iosua gu moch anns a’ mhadainn, agus thog na sagartan suas àirc an Tighearna.

Uime sin dh’èirich Iosua gu moch anns a’ mhadainn, agus thug e leis Israel a rèir an treubhan; agus ghabhadh treubh Iùdah.

Agus chaidh an sluagh-cogaidh uile suas, a bha maille ris, agus chaidh iad am fagas, agus thàinig iad fa chomhair a’ bhaile, agus champaich iad air an taobh mu thuath de Ai: a‑nis bha gleann eadar iad agus Ai.

Uime sin chuir Iosua a‑mach iad; agus dh’fhalbh iad a dhèanamh feall-fhalaich, agus dh’fhan iad eadar Betel agus Ai, air an taobh an iar de Ai: ach dh’fhan Iosua an oidhche sin am measg an t‑sluaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan