Iosua 8:1Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na gabh eagal, agus na bi fo gheilt; gabh an sluagh-cogaidh uile maille riut, agus èirich, imich suas gu Ai: feuch, thug mi thairis dod làimh rìgh Ai, agus a shluagh, agus a bhaile, agus a fhearann. Faic an caibideil |
Gum fògair iad thu o dhaoine, agus gum bi do chòmhnaidh le beathaichean na machrach, agus bheir iad ort feur ithe mar dhaimh, agus fliuchaidh iad thu le dealt nèimh, agus thèid seachd aimsirean thairis ort, gus am bi fhios agad gu bheil an Tì as àirde a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus ga tabhairt do neach air bith as àill leis.