Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 7:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir cluinnidh na Canàanaich, agus uile luchd-àiteachaidh na tìre, agus iadhaidh iad mun cuairt oirnn, agus gearraidh iad as ar n‑ainm on talamh: agus ciod a nì thu rid ainm mòr?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Tabhair glòir, a Thighearna, chan ann dhuinne, chan ann dhuinne, ach dod ainm fhèin, airson do thròcair agus airson d’fhìrinn.

Mar d’ainm, a Dhè, mar sin tha do chliù gu crìochan na talmhainn; tha do dheaslàmh làn de fhìreantachd.

Cuidich leinn, a Dhè ar slàinte, air sgàth glòir d’ainme, agus teasairg sinn, agus glan ar peacaidhean uainn airson d’ainme fhèin.

Thubhairt iad, Thigibh agus gearramaid as iad o bhith nan cinneach, a‑chum nach cuimhnichear ainm Israeil nas mò.

Oir le aon inntinn ghabh iad comhairle le chèile, ad aghaidh-sa rinn iad coicheangal.

Carson a labhradh na h‑Eiphitich, ag ràdh, Le droch rùn thug e a‑mach iad, a‑chum am marbhadh anns na beanntan, agus an claoidh bhàrr aghaidh na talmhainn? Till od chorraich ghairg, agus gabh aithreachas den olc seo an aghaidh do shluaigh.

Ach dh’obraich mi air sgàth m’ainme fhèin, a‑chum nach truaillte e an làthair nan cinneach am measg an robh iad, agus an do rinn mi mi fhèin aithnichte dhaibh nan sealladh, len toirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit.

Dèanadh na sagartan, seirbhisich an Tighearna, gul eadar an sgàth-thaigh agus an altair, agus abradh iad, Coigil, O Thighearna, do shluagh, agus na toir d’oighreachd thairis gu masladh: a‑chum gun riaghladh na cinnich os an cionn: cuime an abradh iad am measg nan cinneach, Càit a bheil an Dia?

Agus chì mo nàmhaid sin, agus còmhdaichidh nàire ise a thubhairt rium, Càit a bheil an Tighearna do Dhia? Chì do shùilean am miann oirre; a‑nis saltrar sìos i mar chlàbar nan sràidean.

Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, An sin cluinnidh na h‑Eiphitich e (oir thug thusa a‑nìos an sluagh seo led chumhachd o bhith nam measg).

Athair, glòraich d’ainm. An sin thàinig guth o nèamh, ag ràdh, Ghlòraich mi araon e, agus glòraichidh mi a‑rìs e.

Air eagal gun abair am fearann as an tug thu a‑mach sinn, A chionn nach b’urrainn an Tighearna an toirt a‑steach don fhearann a gheall e dhaibh agus a chionn gu robh fuath aige dhaibh, thug e a‑mach iad gu am marbhadh anns an fhàsach.

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Eirich suas; carson a laigheas tu mar seo air d’aghaidh?

O Thighearna, ciod a their mi nuair a thionndaidheas Israel an cùl rin naimhdean?

Oir cha trèig an Tighearna a shluagh, air sgàth a mhòr-ainme fhèin; do bhrìgh gum bu toil leis an Tighearna ur dèanamh nur sluagh dha fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan