Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 7:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

O Thighearna, ciod a their mi nuair a thionndaidheas Israel an cùl rin naimhdean?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus a‑nis, O ar Dia, ciod a their sinn an dèidh seo? Oir thrèig sinn d’àitheantan,

Thug thu oirnn tionndadh air ar n‑ais on nàmhaid, agus tha iadsan lem fuathach sinn gar creachadh.

Mar an ceudna thill thu faobhar a chlaidheimh, agus cha tug thu air seasamh anns a’ chath.

Seasaidh mi air m’fhaire, agus cuiridh mi mi fhèin air an tùr, agus feuchaidh mi ciod a their e rium, agus ciod a fhreagras mi nuair a chronaichear mi.

Agus thubhairt Iosua, Och! a Thighearna Dhè, carson a thug thu idir an sluagh seo thar Iòrdan gar toirt thairis do làimh nan Amorach, a‑chum ar sgrios? O b’fheàrr gu robh sinn toilichte, agus gu robh sinn air gabhail còmhnaidh air an taobh eile de Iòrdan!

Oir cluinnidh na Canàanaich, agus uile luchd-àiteachaidh na tìre, agus iadhaidh iad mun cuairt oirnn, agus gearraidh iad as ar n‑ainm on talamh: agus ciod a nì thu rid ainm mòr?

Agus nuair a thàinig an sluagh don champ, thubhairt seanairean Israeil, Carson a bhuail an Tighearna sinn an‑diugh an làthair nam Philisteach? Thugamaid dar n‑ionnsaigh à Siloh àirc coicheangal an Tighearna, a‑chum nuair a thig i nar measg gun saor i sinn à làimh ar naimhdean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan