Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 7:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Iosua, Och! a Thighearna Dhè, carson a thug thu idir an sluagh seo thar Iòrdan gar toirt thairis do làimh nan Amorach, a‑chum ar sgrios? O b’fheàrr gu robh sinn toilichte, agus gu robh sinn air gabhail còmhnaidh air an taobh eile de Iòrdan!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt rìgh Israeil, Mo thruaighe, gun do ghairm an Tighearna na trì rìghrean seo cuideachd, a‑chum an toirt thairis do làimh Mhòaib!

Thubhairt mi am dheifir, Tha gach duine breugach.

Agus thubhairt clann Israeil riu, B’fheàrr gum faigheamaid bàs le làimh an Tighearna ann an tìr na h‑Eiphit, nuair a bha sinn nar suidhe làimh ris na poitean feòla, agus nuair a dh’ith sinn aran gu ar sàth; oir thug sibh a‑mach sinn don fhàsach seo, a mharbhadh a’ choitheanail seo uile le acras.

Agus mhiannaich an sluagh uisge ann an sin; agus rinn an sluagh gearan an aghaidh Mhaois, agus thubhairt iad, Carson seo a thug thu a‑nìos sinn as an Eiphit, a‑chum sinn fhèin a mharbhadh, agus ar clann, agus ar sprèidh le tart?

A chionn nach b’urrainn an Tighearna an sluagh seo a thoirt don fhearann a mhionnaich e dhaibh, uime sin mharbh e iad anns an fhàsach.

Agus carson a thug an Tighearna sinn don fhearann seo, a thuiteam leis a’ chlaidheamh, a‑chum gum biodh ar mnathan agus ar clann bheag nan cobhartaich? Nach b’fheàrr dhuinn tilleadh don Eiphit?

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, A ghinealaich neo-chreidmhich agus choirbte, cia fhad a dh’fhulaingeas mi sibh? Thugaibh am ionnsaigh-sa an seo e.

Agus thubhairt Iosa riu, Airson ur mì‑chreidimh: oir gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne mustaird, theireadh sibh ris a’ bheinn seo, Atharraich as a seo an siud, agus dh’atharraicheadh i; agus cha bhiodh nì air bith eu‑comasach dhuibh.

Agus dhìochuimhnich sibh an earail a tha a’ labhairt ribh mar ri cloinn, A mhic, na cuir suarach smachdachadh an Tighearna, agus na fannaich nuair a chronaichear leis thu:

Agus reub Iosua a aodach, agus thuit e gu làr air a aghaidh ro àirc an Tighearna, gu tràth feasgair, e fhèin agus seanairean Israeil, agus chuir iad duslach air an cinn.

O Thighearna, ciod a their mi nuair a thionndaidheas Israel an cùl rin naimhdean?

(Agus chaidh clann Israeil suas, agus ghuil iad am fianais an Tighearna gu feasgar, agus dh’fhiosraich iad den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi suas a‑rìs gu cath an aghaidh chloinn Bheniàmin, mo bhràthair? Agus thubhairt an Tighearna, Rachaibh suas na aghaidh.)

Agus nuair a thàinig an sluagh don champ, thubhairt seanairean Israeil, Carson a bhuail an Tighearna sinn an‑diugh an làthair nam Philisteach? Thugamaid dar n‑ionnsaigh à Siloh àirc coicheangal an Tighearna, a‑chum nuair a thig i nar measg gun saor i sinn à làimh ar naimhdean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan