Agus reub Iosua a aodach, agus thuit e gu làr air a aghaidh ro àirc an Tighearna, gu tràth feasgair, e fhèin agus seanairean Israeil, agus chuir iad duslach air an cinn.
Agus rinn iad caoidh, agus ghuil iad, agus thraisg iad gu feasgar, airson Shauil, agus airson a mhic Ionatan, agus airson sluagh an Tighearna, agus airson taigh Israeil, do bhrìgh gun do thuit iad leis a’ chlaidheamh.
Agus air an treas là, feuch, thàinig duine as a’ champ o Shaul, agus a aodach reubte, agus ùir air a cheann: agus nuair a thàinig e a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, thuit e air an talamh, agus rinn e ùmhlachd.
Agus chuir Tàmar luath air a ceann, agus reub i an trusgan iomadh-dathach a bha oirre, agus chuir i a làmh air a ceann, agus chaidh i air falbh a’ glaodhaich.
A‑nis nuair a rinn Esra ùrnaigh, agus a dh’aidich e, a’ gul, agus ga thilgeadh fhèin sìos fa chomhair taigh Dhè, chruinnich da ionnsaigh à Israel co‑chruinneachadh ro‑mhòr de fhir, agus de mhnathan, agus de chloinn: oir ghuil an sluagh gu mòr.
Nuair a dh’aithnich Mordecai gach nì a rinneadh, reub e a aodach, agus chuir e sac-aodach air agus luaithre, agus chaidh e a‑mach gu meadhon a’ bhaile, agus ghlaodh e le glaodh àrd agus searbh.
Agus anns gach uile mhòr-roinn don tàinig facal an rìgh agus a òrdagh, bha bròn mòr am measg nan Iùdhach, agus trasgadh, agus gul, agus caoidh; agus laigh mòran ann an sac-aodach agus an luaithre.
Agus nuair a thog iad an sùilean fad as, agus nach d’aithnich iad e, thog iad an guth agus ghuil iad; agus reub iad gach fear a fhallaing, agus chrath iad duslach air an cinn a làimh nan nèamh.
Tha seanairean nighean Shioin nan suidhe air an làr, tha iad nan tosd; chuir iad duslach air an ceann: chrioslaich iad iad fhèin le sac-èideadh: tha òighean Ierusaleim a’ cromadh sìos an cinn gu làr.
Agus thuit iad air an aghaidh, agus thubhairt iad, O Dhè, Dia spioradan gach uile fheòla, am peacaich aon duine, agus am bi fearg agad ris a’ cho-chruinneachadh uile?
Agus thubhairt Iosua, Och! a Thighearna Dhè, carson a thug thu idir an sluagh seo thar Iòrdan gar toirt thairis do làimh nan Amorach, a‑chum ar sgrios? O b’fheàrr gu robh sinn toilichte, agus gu robh sinn air gabhail còmhnaidh air an taobh eile de Iòrdan!
Agus thilg iad duslach air an cinn, agus ghlaodh iad, a’ gul agus a’ caoidh, ag ràdh, Is truagh, is truagh, am baile mòr sin, anns an do rinneadh saoibhir iadsan uile aig an robh longan air an fhairge, tre a ghreadhnachas-san! Oir ann an aon uair dh’fhàsaicheadh e.
Agus nuair a chunnaic e i, reub e a aodach, agus thubhairt e, Och, mo nighean! Is ro‑ìosal a leag thu mi, agus is aon thu dhiùbhsan a tha gam chlaoidh: oir dh’fhosgail mi mo bheul don Tighearna, agus chan fhaod mi dol air m’ais.
(Agus chaidh clann Israeil suas, agus ghuil iad am fianais an Tighearna gu feasgar, agus dh’fhiosraich iad den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi suas a‑rìs gu cath an aghaidh chloinn Bheniàmin, mo bhràthair? Agus thubhairt an Tighearna, Rachaibh suas na aghaidh.)
Agus chaidh clann Israeil uile agus an sluagh uile suas, agus thàinig iad gu taigh Dhè, agus ghuil iad, agus shuidh iad an sin am fianais an Tighearna, agus thraisg iad air an là sin gu feasgar, agus dh’ìobair iad ìobairtean-loisgte agus ìobairtean-sìthe am fianais an Tighearna.
Agus ruith duine de Bheniàmin a‑mach as an armailt, agus thàinig e gu Siloh air an là sin fhèin, agus a aodach air a reubadh, agus duslach air a cheann.