Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 7:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thog iad suas càrn mòr chlach air a mhuin gus an là‑an‑diugh. Agus thill an Tighearna o ghairge a chorraich: uime sin thugadh gleann Achoir mar ainm air an àite sin, gus an là‑an‑diugh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh iad Absalom, agus thilg iad e ann an sloc mòr anns a’ choille, agus chuir iad càrn ro‑mhòr chlach air: agus theich Israel uile, gach fear a dh’ionnsaigh a bhùtha.

Agus dh’adhlaic iad cnàmhan Shauil, agus a mhic Ionatan, ann an tìr Bheniàmin ann an Selah, ann an àit-adhlacaidh Chis, a athair. Agus rinn iad gach nì a dh’àithn an rìgh: agus na dhèidh sin bha Dia rèidh ris an tìr.

A‑nis tha e ann am chridhe coicheangal a dhèanamh ris an Tighearna Dia Israeil, a‑chum gun tionndaidh a fhearg laiste uainn.

Seasadh a‑nis ar n‑uachdarain den choitheanal uile, agus, aig àmannan suidhichte, thigeadh iadsan uile nar bailtean a ghabh dhaibh fhèin mnathan coimheach, agus maille riu seanairean gach baile agus a bhritheamhan, gus an tionndaidhear fearg laiste ar Dè uainn a‑thaobh an nì seo.

Till sinn, a Dhè ar slàinte, agus tog d’fhearg dhinn.

Carson a labhradh na h‑Eiphitich, ag ràdh, Le droch rùn thug e a‑mach iad, a‑chum am marbhadh anns na beanntan, agus an claoidh bhàrr aghaidh na talmhainn? Till od chorraich ghairg, agus gabh aithreachas den olc seo an aghaidh do shluaigh.

Labhraibh gu sòlasach ri Ierusalem; agus glaodhaibh rithe gun do choileanadh a cogadh, gun do ghlanadh a h‑aingidheachd; oir fhuair i o làimh an Tighearna a dhà uiread ra h‑uile pheacaidhean.

Agus bidh Sàron na chrò chaorach, agus gleann Achoir na bhuaile bhò, airson mo shluaigh-sa, a bha gam iarraidh.

Gheàrr iad as m’anam anns a’ phrìosan, agus chuir iad clach orm.

Agus as a sin bheir mi dhi a fìon-liosan, agus gleann Achoir mar dhoras dòchais: agus seinnidh i an sin, mar ann an làithean a h‑òige, agus mar anns an là anns an tàinig i a‑nìos à tìr na h‑Eiphit.

Oir bheir mi ainmean Bhàalim a‑mach as a beul, agus chan ainmichear nas mò iad air an ainm.

Agus reubaibh ur cridhe, agus chan e ur n‑aodach; agus tillibh ris an Tighearna ur Dia: oir tha e tròcaireach agus iochdmhor, mall a‑chum feirge, agus làn de chaomhalachd, agus gabhaidh e aithreachas mun olc.

An sin bidh an Tighearna eudmhor ma fhearann, agus gabhaidh e truas da shluagh.

An sin ghlac iad Ionah, agus thilg iad a‑mach e anns an fhairge; agus sguir an fhairge de a boile.

An sin ghairm e orm, agus labhair e rium, ag ràdh, Feuch, iad seo a tha ag imeachd gus an tìr mu thuath, chiùinich iad mo spiorad anns an tìr mu thuath.

Agus chaidh e an dèidh an duine de Israel a‑steach don bhùth, agus thro-lot e iad le chèile, an duine de Israel, agus a’ bhean tro a broinn: mar sin chaisgeadh a’ phlàigh o chloinn Israeil.

Agus cha lean ri do làimh-sa a’ bheag den nì mhallaichte; a‑chum gun till an Tighearna o lasair a fheirge, agus gun nochd e tròcair dhut, agus gun dèan e iochd ort, agus gun toir e ort fàs lìonmhor, mar a mhionnaich e dod athraichean;

Nuair a dh’èisdeas tu ri guth an Tighearna do Dhia, a ghleidheadh a àitheantan uile a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, a dhèanamh an nì a tha ceart ann an sùilean an Tighearna do Dhia.

Agus an àm dol fodha na grèine dh’àithn Iosua, agus thug iad a‑nuas iad o na croinn, agus thilg iad iad anns an uaimh anns an d’fhalaich iad iad fhèin, agus chuir iad clachan mòra am beul na h‑uamha, a tha an làthair gus a’ cheart là seo.

Agus ghabh Iosua, agus Israel uile maille ris, Achan mac Sherah, agus an t‑airgead, agus an earradh, agus an geinn òir, agus a mhic, agus a nigheanan, agus a dhaimh, agus a asail, agus a chaoraich, agus a bhùth, agus gach nì a bha aige; agus thug iad do ghleann Achoir iad.

Agus rìgh Ai chroch e air crann gu àm an fheasgair: agus mu dhol fodha na grèine dh’àithn Iosua, agus thug iad a‑nuas a chorp on chrann, agus thilg iad e aig dol a‑steach geata a’ bhaile, agus thog iad air càrn mòr chlach, a tha an làthair gus an là‑an‑diugh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan