Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 7:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Iosua, Carson a chuir thu dragh oirnn? Cuiridh an Tighearna dragh ortsa an‑diugh. Agus chlach clann Israeil uile e le clachan, agus loisg iad le teine iad, an dèidh dhaibh an clachadh le clachan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Iàcob ri Simeon agus ri Lèbhi, Chuir sibh trioblaid orm lem dhèanamh gràineil am measg luchd-àiteachaidh na tìre, am measg nan Canàanach, agus nam Peridseach: agus air dhòmhsa a bhith gann an àireamh, cruinnichidh iad iad fhèin cuideachd am aghaidh, agus marbhaidh iad mi; agus cuirear as dhomh, agus dom thaigh.

Agus beul ri trì mìosan an dèidh sin, dh’innseadh do Iùdah, ag ràdh, Rinn Tàmar, bean do mhic, strìopachas; agus, feuch, cuideachd, tha i torrach le strìopachas. Agus thubhairt Iùdah, Thugaibh a‑mach i, agus loisgear i.

Agus mic Charmi: Achar, fear-buaireis Israeil, a chiontaich anns an nì mhallaichte,

Mar sin tha slighean gach neach a tha sanntach air buannachd: anam a shealbhadairean bheir i air falbh.

Bheir esan buaireas air a thaigh fhèin a tha sanntach air buannachd, ach bidh esan lem fuathach duais-bhratha, beò.

Agus ma ghabhas duine da ionnsaigh bean agus a màthair, is aingidheachd e: loisgear le teine iad, eadhon esan agus iadsan, a‑chum is nach bi aingidheachd nur measg.

A‑rìs, their thu ri cloinn Israeil, Ge bè air bith e de cloinn Israeil, no de na coigrich a tha air chuairt ann an Israeil, a bheir a’ bheag de a shliochd do Mholech, cuirear gu cinnteach gu bàs e, clachaidh sluagh na dùthcha e le clachan.

Agus ma thruailleas nighean sagairt air bith i fhèin le strìopachas a dhèanamh, tha i a’ truailleadh a h‑athar: loisgear le teine i.

Thoir a‑mach esan a mhallaich an taobh a‑muigh den champ, agus cuireadh iadsan uile a chuala e an làmhan air a cheann, agus clachadh an co‑chruinneachadh uile e.

B’fheàrr leam gum biodh iadsan a tha a’ cur mì‑shuaimhneis oirbh eadhon air an gearradh as uaibh.

Agus clachaidh tu e le clachan, a‑chum gum bàsaich e; a chionn gun d’iarr e do tharraing on Tighearna do Dhia, a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa.

Agus cluinnidh Israel uile, agus bidh eagal orra, agus cha dèan iad nas mò a leithid seo de ghnìomh aingidh nur measg.

An sin bheir thu a‑mach am fear sin no a’ bhean sin, a rinn an nì aingidh sin, a‑chum do gheatachan, eadhon am fear sin no a’ bhean sin, agus clachaidh tu iad le clachan gus am bàsaich iad.

Agus clachaidh uile dhaoine a bhaile e le clachan, a‑chum is gum bàsaich e: mar sin cuiridh tu olc air falbh as ur measg, agus cluinnidh Israel uile, agus bidh eagal orra.

Do bhrìgh gur ceart an nì do Dhia àmhghar ìocadh dhaibhsan a tha a’ cur àmhghair oirbh:

A’ toirt an ro‑aire, air eagal gun tig neach sam bith a dhèidh-làimh air gràs Dhè; air eagal air fàs suas do fhreumh seirbhe sam bith, gun cuir e dragh oirbh, agus le seo gum bi mòran air an salachadh:

Agus sibhse, air gach aon chor gleidhibh sibh fhèin on nì mhallaichte, air eagal gun dèan sibh sibh fhèin mallaichte, nuair a ghabhas sibh den nì mhallaichte, agus gun dèan sibh camp Israeil na mhallachadh, agus gun cuir sibh e fo bhuaireas.

Agus esan a ghlacar leis an nì mhallaichte, loisgear le teine e fhèin agus gach nì a tha aige; a chionn gun do bhris e coicheangal an Tighearna, agus gun do rinn e amaideachd ann an Israel.

An sin thubhairt Ionatan, Chuir m’athair an tìr fo bhuaireas: faicibh, guidheam oirbh, cionnas a tha mo shùilean-sa air an soillseachadh, do bhrìgh gun do bhlais mi beagan den mhil seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan