Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 7:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh Iosua, agus Israel uile maille ris, Achan mac Sherah, agus an t‑airgead, agus an earradh, agus an geinn òir, agus a mhic, agus a nigheanan, agus a dhaimh, agus a asail, agus a chaoraich, agus a bhùth, agus gach nì a bha aige; agus thug iad do ghleann Achoir iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Guma fada e uatsa a dhèanamh air an dòigh seo, an t‑ionracan a mharbhadh maille ris an aingidh: ionnas gum bi an t‑ionracan mar an t‑aingidh, guma fada sin uatsa: nach dèan Britheamh na talmhainn uile ceartas?

Shluig e sìos beartas, agus sgeithidh e a‑nìos e: tilgidh Dia a‑mach as a bhroinn e.

Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi;

Bheir esan buaireas air a thaigh fhèin a tha sanntach air buannachd, ach bidh esan lem fuathach duais-bhratha, beò.

Tha olc cràiteach ann a chunnaic mi fon ghrèin, saoibhreas air a ghleidheadh da shealbhadair a‑chum an aimhleis.

Agus bidh Sàron na chrò chaorach, agus gleann Achoir na bhuaile bhò, airson mo shluaigh-sa, a bha gam iarraidh.

Agus as a sin bheir mi dhi a fìon-liosan, agus gleann Achoir mar dhoras dòchais: agus seinnidh i an sin, mar ann an làithean a h‑òige, agus mar anns an là anns an tàinig i a‑nìos à tìr na h‑Eiphit.

Agus chaidh a’ chrìoch suas gu Debir o ghleann Achoir, agus ri tuath ag amharc ri Gilgal, a tha fa chomhair uchdach Aduimim, a tha air taobh deas na h‑aibhne; agus chaidh a’ chrìoch thairis gu uisgeachan En‑semeis, agus bha a’ dol a‑mach aig En‑rogel.

Nach do rinn Achan mac Sherah cionta anns an nì mhallaichte, agus thuit fearg air uile cho-chruinneachadh Israel? Agus cha b’e an duine sin na aonar a bhàsaich na chionta.

Agus sibhse, air gach aon chor gleidhibh sibh fhèin on nì mhallaichte, air eagal gun dèan sibh sibh fhèin mallaichte, nuair a ghabhas sibh den nì mhallaichte, agus gun dèan sibh camp Israeil na mhallachadh, agus gun cuir sibh e fo bhuaireas.

Agus lèirsgrios iad gach nì a bha anns a’ bhaile, eadar fhear agus bhean, òg agus shean, agus dhamh, agus chaora, agus asal, le faobhar a’ chlaidheimh.

Ach rinn clann Israeil cionta anns an nì mhallaichte: oir ghabh Achan mac Charmi, mhic Shabdi, mhic Sherah, de threubh Iùdah, cuid den nì mhallaichte: agus las fearg an Tighearna an aghaidh chloinn Israeil.

Agus thug iad leo iad à meadhon a’ bhùtha, agus thug iad gu Iosua iad, agus gu clann Israeil uile, agus sgaoil iad a‑mach iad am fianais an Tighearna.

Agus thog iad suas càrn mòr chlach air a mhuin gus an là‑an‑diugh. Agus thill an Tighearna o ghairge a chorraich: uime sin thugadh gleann Achoir mar ainm air an àite sin, gus an là‑an‑diugh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan