Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 7:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug iad leo iad à meadhon a’ bhùtha, agus thug iad gu Iosua iad, agus gu clann Israeil uile, agus sgaoil iad a‑mach iad am fianais an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

3 Iomraidhean Croise  

An dèidh dhut m’àirneis uile a rannsachadh, ciod a fhuair thu de uile àirneis do thaighe? Cuir an seo e an làthair mo bhràithrean-sa agus do bhràithrean fhèin, agus gun tabhair iad breith eadarainn nar dithis.

Mar sin chuir Iosua teachdairean uaithe, agus ruith iad don bhùth, agus feuch bha e falaichte na bhùth, agus an t‑airgead fodha.

Agus ghabh Iosua, agus Israel uile maille ris, Achan mac Sherah, agus an t‑airgead, agus an earradh, agus an geinn òir, agus a mhic, agus a nigheanan, agus a dhaimh, agus a asail, agus a chaoraich, agus a bhùth, agus gach nì a bha aige; agus thug iad do ghleann Achoir iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan