Iosua 7:21Am Bìoball Gàidhlig 1992Nuair a chunnaic mi am measg na creiche earradh bhrèagha Bhàbilonach, agus dà cheud secel airgid, agus geinn òir anns an robh lethcheud secel de chudthrom, an sin shanntaich mi iad, agus ghabh mi iad; agus feuch, tha iad falaichte anns an talamh ann am meadhon mo bhùtha, agus an t‑airgead fodha. Faic an caibideil |
Agus nuair a thàinig na lobhair sin gus a’ chuid a b’fhaide a‑muigh den champ, chaidh iad a‑steach do aon bhùth, agus dh’ith iad, agus dh’òl iad, agus thug iad leo as a sin airgead, agus òr, agus aodach, agus chaidh iad agus dh’fhalaich iad iad; agus thàinig iad air an ais, agus chaidh iad a‑steach do bhùth eile, agus thug iad leo as a sin mar an ceudna, agus chaidh iad agus dh’fhalaich iad iad.