Agus thubhairt iad ri chèile. Tha sinn gu deimhinn ciontach a‑thaobh ar bràthar, do bhrìgh gum faca sinn cràdh a anama, nuair a ghuidh e oirnn, agus nach d’èisd sinn ris; uime sin thàinig an airc seo oirnn.
Agus chuir Phàraoh teachdaire uaithe, agus ghairm e air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e riu, Pheacaich mi an uair seo: tha an Tighearna ceart, agus mise agus mo shluagh aingidh.
Agus thubhairt Balàam ri aingeal an Tighearna, Pheacaich mi, oir cha robh fhios agam gun do sheas thu anns an t‑slighe am aghaidh: a‑nis uime sin, mas mì‑thaitneach leat e, tillidh mi air m’ais a‑rìs.
Agus thubhairt Iosua ri Achan, A mhic, thoir, guidheam ort, glòir don Tighearna, Dia Israeil, agus dèan aidmheil dha; agus innis dhomh a‑nis ciod a rinn thu, na falaich uam e.
Nuair a chunnaic mi am measg na creiche earradh bhrèagha Bhàbilonach, agus dà cheud secel airgid, agus geinn òir anns an robh lethcheud secel de chudthrom, an sin shanntaich mi iad, agus ghabh mi iad; agus feuch, tha iad falaichte anns an talamh ann am meadhon mo bhùtha, agus an t‑airgead fodha.
Agus thubhairt Saul ri Samuel, Pheacaich mi, oir bhris mi àithne an Tighearna agus do bhriathran-sa; a chionn gu robh eagal orm ron t‑sluagh, agus gun d’èisd mi rin guth.
An sin thubhairt e, Pheacaich mi; gidheadh a‑nis thoir urram dhomh, guidheam ort, am fianais seanairean mo shluaigh, agus am fianais Israeil, agus till maille rium, a‑chum gun dèan mi adhradh don Tighearna do Dhia.