Agus dh’èirich Abrahàm gu moch anns a’ mhadainn, agus dh’uidheamaich e a asal, agus ghabh e dithis de a òganaich maille ris, agus a mhac Isaac; agus sgoilt e fiodh airson an tabhartais-loisgte, agus dh’èirich e suas, agus chaidh e don àit a dh’innis Dia dha.
Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol.
Agus dh’èirich Iosua gu moch anns a’ mhadainn; agus dh’imich iad o Shitim, agus thàinig iad gu Iòrdan, e fhèin agus clann Israeil uile, agus ghabh iad tàmh an sin mun deachaidh iad thairis.
Agus esan a ghlacar leis an nì mhallaichte, loisgear le teine e fhèin agus gach nì a tha aige; a chionn gun do bhris e coicheangal an Tighearna, agus gun do rinn e amaideachd ann an Israel.
Agus thug e leis teaghlach Iùdah; agus ghabh e teaghlach nan Sarhitheach: agus thug e leis teaghlach nan Sarhitheach a lìon fear is fear; agus ghabhadh Sabdi.