Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 7:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Pheacaich Israel, agus bhris iad mar an ceudna mo choicheangal a dh’àithn mi dhaibh; oir ghabh iad eadhon den nì mhallaichte, agus mar an ceudna ghoid iad, agus mar an ceudna cheil iad, agus chuir iad eadhon am measg an àirneis fhèin e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

A chionn nach d’èisd iad ri guth an Tighearna an Dia, ach gun do bhris iad a choicheangal, agus na h‑uile nithean a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, nach d’èisd iad riu, cha mhò a rinn iad iad.

Agus nuair a thàinig e don dùn, ghabh e as an làimh iad, agus thaisg e ann an taigh iad; agus leig e na daoine air falbh, agus dh’fhalbh iad.

Tha an tìr eadhon air a truailleadh fo a luchd-àiteachaidh; oir bhris iad an reachd, dh’atharraich iad an t‑òrdagh; sgaoil iad an coicheangal sìorraidh.

Chan ann a rèir a’ choicheangail a rinn mi rin athraichean, anns an là anns an do ghlac mi air làimh iad, a‑chum an toirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit; eadhon mo choicheangal a bhris iad, ged bha mi am fhear-pòsda dhaibh, deir an Tighearna:

Ach bhris iadsan an coicheangal mar Adhamh: an sin bhuin iad gu fealltach am aghaidh-sa.

Ma nì anam coire, agus gum peacaich e trìd aineolais ann an nithean naomha an Tighearna, an sin bheir e airson a choire, a dh’ionnsaigh an Tighearna, reithe gun ghaoid o na treudan, a rèir do mheas an secelean airgid, a rèir secel an ionaid naoimh, a-chum ìobairt-easaontais.

Nach tog iad seo uile suas cosamhlachd na aghaidh, agus gnàth-fhacal tàmailteach ma thimcheall, ag ràdh, Is truagh dhàsan a mheudaicheas an nì nach leis fhèin! Cia fhad? Agus dhàsan a luchdaicheas e fhèin le criadh thiugh.

Thug mise a‑mach e, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus thèid e a‑steach do thaigh a’ mhèirlich, agus do thaigh an tì a tha a’ mionnachadh gu breugach air m’ainm-sa; agus fanaidh e ann am meadhon a thaighe, agus sgriosaidh e eadar fhiodh agus chlach e.

Thubhairt iadsan ris, Do Chèasar. An sin thubhairt esan riu, Thugaibh uime sin do Chèasar na nithean as le Cèasar; agus do Dhia na nithean as le Dia.

An sin thubhairt Peadar rithe, Carson a cho-aontaich sibh Spiorad an Tighearna a dhearbhadh? Feuch, tha casan na muinntir a dh’adhlaic d’fhear aig an doras, agus giùlainidh iad thusa a‑mach.

Ma gheibhear nur measg, an taobh a‑staigh aoin ded gheatachan a bheir an Tighearna do Dhia dhut, fear no bean a rinn aingidheachd ann an sùilean an Tighearna do Dhia, le a choicheangal a bhriseadh,

Agus chan eil creutair sam bith nach eil follaiseach na làthair-san: ach tha na h‑uile nithean lomnochd, agus fosgailte do shùilean an Tì dom feum sinn cunntas a thabhairt.

Nuair a bhriseas sibh coicheangal an Tighearna ur Dia, a dh’àithn e dhuibh, agus a thèid sibh, agus a nì sibh seirbhis do dhiathan eile, agus a chromas sibh sibh fhèin dhaibh, an sin lasaidh fearg an Tighearna nur n‑aghaidh, agus thèid as dhuibh gu grad bhàrr an fhearainn mhaith a thug e dhuibh.

Ach rinn clann Israeil cionta anns an nì mhallaichte: oir ghabh Achan mac Charmi, mhic Shabdi, mhic Sherah, de threubh Iùdah, cuid den nì mhallaichte: agus las fearg an Tighearna an aghaidh chloinn Israeil.

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Eirich suas; carson a laigheas tu mar seo air d’aghaidh?

Agus las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil; agus thubhairt e, A chionn gun do bhris an sluagh seo mo choicheangal a dh’àithn mi dan athraichean, agus nach d’èisd iad rim ghuth,

Agus thubhairt Saul, Thigibh am fagas an seo, sibhse uile mhaithean an t‑sluaigh, agus biodh fhios agaibh, agus faicibh, càit an robh am peacadh seo an‑diugh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan