Pheacaich Israel, agus bhris iad mar an ceudna mo choicheangal a dh’àithn mi dhaibh; oir ghabh iad eadhon den nì mhallaichte, agus mar an ceudna ghoid iad, agus mar an ceudna cheil iad, agus chuir iad eadhon am measg an àirneis fhèin e.
Oir cluinnidh na Canàanaich, agus uile luchd-àiteachaidh na tìre, agus iadhaidh iad mun cuairt oirnn, agus gearraidh iad as ar n‑ainm on talamh: agus ciod a nì thu rid ainm mòr?
Agus thubhairt Samuel, A bheil tlachd aig an Tighearna ann an tabhartasan-loisgte agus an ìobairtean, mar ann an ùmhlachd do ghuth an Tighearna? Feuch, is fheàrr ùmhlachd na ìobairt, agus aire a thabhairt na saill reitheachan.
Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Cia fhada a nì thu bròn airson Shauil, agus gun do chuir mise cùl ris o rìoghachadh os cionn Israeil? Lìon do chòrn le ola, agus falbh, cuiridh mise thu gu Iese am Betlehemeach; oir fhuair mi a‑mach am measg a chuid mhac rìgh dhomh fhèin.