Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 6:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghairm Iosua mac Nuin air na sagartan, agus thubhairt e riu, Togaibh suas àirc a’ choicheangail, agus giùlaineadh seachd sagartan seachd trompaidean de adhaircean reitheachan ro àirc an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus cuiridh tu na bataichean anns na failbheagan air taobhan na h‑àirce, a‑chum an àirc a ghiùlan leo.

Agus air do Shaul a bhith fhathast a’ sèideadh a‑mach bagraidh agus àir an aghaidh deisciobail an Tighearna, chaidh e a‑chum an àrd-shagairt,

Agus chaidh sibh thar Iòrdan, agus thàinig sibh gu Iericho: agus chog fir Iericho nur n‑aghaidh, na h‑Amoraich, agus na Peridsich, agus na Canàanaich, agus na Hitich, agus na Girgasaich, na Hibhich, agus na h‑Iebusaich; agus thug mi thairis iad dur làimh.

Agus dh’àithn iad don t‑sluagh, ag ràdh, Nuair a chì sibh àirc coicheangal an Tighearna ur Dia, agus na sagartan, na Lèbhithich, ga giùlan, an sin gluaisidh sibh o ur n‑àite, agus thèid sibh na dèidh.

Agus labhair Iosua ris na sagartan, ag ràdh, Togaibh suas àirc a’ choicheangail, agus rachaibh thairis ron t‑sluagh. Agus thog iad suas àirc a’ choicheangail agus chaidh iad ron t‑sluagh.

Agus dh’imich air an aghaidh a‑ghnàth seachd sagartan, a’ giùlan seachd trompaidean de adhaircean reitheachan ro àirc an Tighearna, agus shèid iad leis na trompaidean: agus dh’imich an sluagh armaichte romhpa, ach thàinig a’ chuid eile den t‑sluagh an dèidh àirc an Tighearna, na sagartan a’ gabhail air an aghaidh, agus a’ sèideadh leis na trompaidean.

Agus nuair a nì iad fuaim fhada le adhaircean nan reitheachan, agus nuair a chluinneas sibh fuaim na trompaid, an sin èighidh an sluagh uile le iolaich mhòir, agus tuitidh balla a’ bhaile sìos o a bhunadh, agus thèid an sluagh suas, gach duine dìreach roimhe.

Agus thubhairt e ris an t‑sluagh, Gabhaibh air ur n‑aghaidh, agus cuartaichibh am baile, agus gabhadh esan a tha fo airm air aghaidh ro àirc an Tighearna.

Agus nuair a labhair Iosua ris an t‑sluagh, ghabh na seachd sagartan, a’ giùlan seachd trompaidean de adhaircean reitheachan, air an aghaidh ron Tighearna, agus shèid iad leis na trompaidean; agus lean àirc coicheangal an Tighearna iad.

Agus nuair a thàinig an sluagh don champ, thubhairt seanairean Israeil, Carson a bhuail an Tighearna sinn an‑diugh an làthair nam Philisteach? Thugamaid dar n‑ionnsaigh à Siloh àirc coicheangal an Tighearna, a‑chum nuair a thig i nar measg gun saor i sinn à làimh ar naimhdean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan