Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 6:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a nì iad fuaim fhada le adhaircean nan reitheachan, agus nuair a chluinneas sibh fuaim na trompaid, an sin èighidh an sluagh uile le iolaich mhòir, agus tuitidh balla a’ bhaile sìos o a bhunadh, agus thèid an sluagh suas, gach duine dìreach roimhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bha fuaim na trompaid a’ dol a‑mach, agus a’ fàs ro‑làidir, an sin labhair Maois, agus fhreagair Dia e le guth.

Agus daingneach àrd do bhallachan leagaidh e sìos, ìslichidh e, bheir e a‑chum an làir, eadhon a‑chum an duslaich.

Agus air gach beinn mhòir, agus air gach cnoc àrd, bidh caochain agus sruthan uisge; ann an là an àir mhòir, nuair a thuiteas na baidealan.

Eighibh os a cionn air gach taobh: strìochd i i fhèin; thuit a daingnichean, thilgeadh sìos a ballachan: oir is e seo dìoghaltas an Tighearna, dèanaibh-se dìoghaltas oirre: mar a rinn i fhèin, dèanaibh-se rithe.

Tre chreideamh thuit ballachan Iericho, an dèidh a bhith air an cuartachadh rè seachd làithean.

Agus air an t‑seachdamh uair shèid na sagartan leis na trompaidean, agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh, Dèanaibh iolach; oir thug an Tighearna dhuibh am baile.

Agus rinn an sluagh iolach nuair a shèid na sagartan leis na trompaidean: agus nuair a chuala an sluagh fuaim na trompaid, agus a dh’èigh an sluagh le iolaich mhòir, an sin thuit am balla sìos gu làr; agus chaidh an sluagh suas don bhaile, gach duine dìreach roimhe, agus ghlac iad am baile.

Agus giùlainidh seachd sagartan ron àirc seachd trompaidean de adhaircean reitheachan: agus air an t‑seachdamh là thèid sibh mu thimcheall a’ bhaile seachd uairean, agus sèididh na sagartan leis na trompaidean.

Agus ghairm Iosua mac Nuin air na sagartan, agus thubhairt e riu, Togaibh suas àirc a’ choicheangail, agus giùlaineadh seachd sagartan seachd trompaidean de adhaircean reitheachan ro àirc an Tighearna.

Agus rinn an luchd feall-fhalaich cabhag, agus ruith iad a‑steach air Gibeah; agus tharraing an luchd feall-fhalaich air an aghaidh, agus bhuail iad am baile uile le faobhar a’ chlaidheimh.

Agus dh’èirich Daibhidh gu moch anns a’ mhadainn, agus dh’fhàg e na caoraich aig fear-gleidhidh, agus thug e leis, agus dh’imich e, mar a dh’àithn Iese dha; agus thàinig e don chlais-bhlàir nuair a bha an armailt a’ dol a‑mach a dh’ionnsaigh a’ chatha, agus a rinn iad iolach a‑chum a’ chatha:

Agus dh’èirich fir Israeil agus Iùdah, agus rinn iad iolach, agus chaidh iad air tòir nam Philisteach, gus an tig thu gu gleann agus gu geatachan Ecroin: agus thuit iadsan a bha leònte de na Philistich air an t‑slighe gu Sàraim, eadhon gu ruig Gat, agus gu ruig Ecron.

Agus nuair a thàinig àirc coicheangal an Tighearna don champ, dh’èigh Israel uile le iolaich mhòir, agus fhreagair an talamh don fhuaim.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan