Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 6:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus giùlainidh seachd sagartan ron àirc seachd trompaidean de adhaircean reitheachan: agus air an t‑seachdamh là thèid sibh mu thimcheall a’ bhaile seachd uairean, agus sèididh na sagartan leis na trompaidean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

33 Iomraidhean Croise  

Agus bheannaich Dia an seachdamh là, agus naomhaich e e: do bhrìgh gur ann air a ghabh e fois o a obair uile a chruthaich Dia agus a rinn e.

Agus thubhairt e ra òglach, Falbh suas a‑nis, amhairc a dh’ionnsaigh na fairge. Agus chaidh esan suas, agus dh’amhairc e, agus thubhairt e, Chan eil nì air bith ann. Agus thubhairt e, Falbh a‑rìs seachd uairean.

Agus chuir Elisa teachdaire da ionnsaigh, ag ràdh, Imich, agus nigh thu fhèin seachd uairean ann an Iòrdan, agus thig d’fheòil a‑rìs ad ionnsaigh, agus bidh tu glan.

An sin chaidh e sìos, agus thum e e fhèin ann an Iòrdan seachd uairean, a rèir facal an duine le Dia; agus thàinig a fheòil a‑rìs mar fheòil leinibh bhig, agus ghlanadh e.

Agus, feuch, maille rinne tha Dia fhèin na cheannard oirnn, agus a shagartan le trompaidean fuaimneach a thoirt caismeachd nur n‑aghaidh-se. A chlann Israeil, na cogaibh-se an aghaidh an Tighearna, Dia ur n‑athraichean; oir cha soirbhich leibh.

Cha bhi cath agaibh ra chur an seo; a‑mhàin thigibh an làthair, seasaibh, agus faicibh saorsa an Tighearna maille ribh, a Iùdah, agus a Ierusaleim: na biodh eagal no faitcheas oirbh; a‑màireach rachaibh a‑mach nan aghaidh, agus bidh an Tighearna maille ribh.

Agus dh’èirich na Lèbhithich de chloinn nan Cohatach, agus de chloinn nan Corhach, suas a mholadh an Tighearna Dia Israeil le guth mòr, gu h‑àrd.

Agus nuair a thug e comhairle don t‑sluagh, dh’òrdaich e luchd-seinn don Tighearna, daoine a mholadh maise na naomhachd, nuair a thigeadh iad a‑mach ron armailt, agus a theireadh, Thugaibh buidheachas don Tighearna, oir gu bràth mairidh a thròcair.

Agus uime sin gabhaibh dhuibh fhèin seachd tairbh òga agus seachd reitheachan, agus rachaibh a dh’ionnsaigh m’òglaich Iob, agus ìobraibh ìobairt-loisgte air ur son fhèin; agus nì m’òglach Iob ùrnaigh air ur son, oir ris-san gabhaidh mi: a‑chum nach buin mi ribh a rèir ur n‑amaideachd, a chionn nach do labhair sibh am thaobh-sa an nì a bha ceart, mar a labhair m’òglach Iob.

Agus tàrlaidh anns an là sin gun sèidear a’ ghall-tromp mhòr: agus thig iadsan a bha a’ bàsachadh ann an tìr Asiria, agus iadsan a bha air an sgapadh ann an tìr na h‑Eiphit; agus sleuchdaidh iad sìos don Tighearna, anns an t‑sliabh naomh ann an Ierusalem.

Agus tumaidh an sagart a mheur dheas anns an ola a tha na làimh chlì, agus crathaidh e cuid den ola le a mheur seachd uairean an làthair an Tighearna.

Agus tumaidh an sagart a mheur anns an fhuil, agus crathaidh e cuid den fhuil seachd uairean an làthair an Tighearna, fa chomhair roinn-bhrat an ionaid naoimh.

Agus thubhairt e rium, Ciod a tha thu a’ faicinn? Agus thubhairt mise, Dh’amhairc mi, agus, feuch, coinnleir uile de òr, le a chupan air a mhullach, agus a sheachd lòchrain air, agus seachd feadain gus na seachd lòchrain a tha air a mhullach;

An sin fhreagair e agus labhair e rium, ag ràdh, Is e seo facal an Tighearna ri Serubabel, ag ràdh, Chan ann le neart, no le cumhachd, ach lem spiorad-sa, deir Tighearna nan sluagh.

Agus thubhairt Balàam ri Balac, Tog dhomh an seo seachd altairean, agus ullaich dhomh an seo seachd tairbh òga, agus seachd reitheachan.

Agus dh’imich air an aghaidh a‑ghnàth seachd sagartan, a’ giùlan seachd trompaidean de adhaircean reitheachan ro àirc an Tighearna, agus shèid iad leis na trompaidean: agus dh’imich an sluagh armaichte romhpa, ach thàinig a’ chuid eile den t‑sluagh an dèidh àirc an Tighearna, na sagartan a’ gabhail air an aghaidh, agus a’ sèideadh leis na trompaidean.

Agus cuartaichidh sibh am baile, sibhse fheara-cogaidh uile, agus thèid sibh mu thimcheall a’ bhaile aon uair: mar seo nì thu air sia làithean.

Agus nuair a nì iad fuaim fhada le adhaircean nan reitheachan, agus nuair a chluinneas sibh fuaim na trompaid, an sin èighidh an sluagh uile le iolaich mhòir, agus tuitidh balla a’ bhaile sìos o a bhunadh, agus thèid an sluagh suas, gach duine dìreach roimhe.

Rùn-diamhair nan seachd reultan a chunnaic thu ann am làimh dheis, agus nan seachd coinnleirean òir. Is iad na seachd reultan, aingil nan seachd eaglaisean: agus is iad na seachd coinnleirean a chunnaic thu, na seachd eaglaisean.

Eòin, a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; gràs dhuibh, agus sìth on Tì a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd; agus o na seachd spioradan a tha am fianais a rìgh-chathrach-san;

Agus ghlaodh e le guth àrd, mar a bheucas leòmhann; agus nuair a ghlaodh e, labhair seachd tàirneanaich an guthan fhèin.

Agus chunnaic mi comharradh eile air nèamh, mòr agus iongantach, seachd aingil aig an robh na seachd plàighean deireannach; oir annta seo tha fearg Dhè air a coileanadh.

Agus thug aon de na ceithir beò-chreutairean do na seachd aingil seachd soithichean òir, làn de fheirg an Dè a tha beò gu saoghal nan saoghal.

Agus chuala mi guth mòr as an teampall, ag ràdh ris na seachd aingil, Imichibh, agus taomaibh soithichean fearg Dhè air an talamh.

Agus chunnaic mi ann an làimh dheis an Tì a shuidh air an rìgh-chathair, leabhar sgrìobhte anns an taobh a‑staigh dheth agus air a chùlaibh, air a sheulachadh le seachd seulachan.

Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, ann am meadhon na rìgh-chathrach, agus nan ceithir beò-chreutairean, agus ann am meadhon nan seanairean, Uan na sheasamh mar gum biodh e air a mharbhadh, aig an robh seachd adhaircean, agus seachd sùilean, as iad seachd spioradan Dhè, a chuireadh a‑mach a‑chum na talmhainn uile.

Agus chunnaic mi na seachd aingil a sheas am fianais Dhè; agus thugadh dhaibh seachd trompaidean.

Agus dh’ullaich na seachd aingil aig an robh na seachd trompaidean iad fhèin, a‑chum an sèideadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan