Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 6:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir Iosua fo mhionnan iad anns an àm sin, ag ràdh, Mallaichte gu robh an duine an làthair an Tighearna, a dh’èireas agus a thogas am baile seo Iericho: na chiad-ghin leagaidh e a bhunachar, agus na mhac as òige cuiridh e suas a gheatachan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Na làithean-san thog Hiel am Beteleach Iericho: ann an Abiram a chiad-ghin shuidhich e a bhunait, agus ann an Segub a mhac a b’òige chuir e suas a gheatachan, a rèir facal an Tighearna, a labhair e le làimh Iosua mhic Nuin.

Agus thubhairt an rìgh ris, Cia lìon uair a mhionnaicheas mi thu, nach innis thu dhomh ach an fhìrinn ann an ainm an Tighearna?

Agus thubhairt Eliah ris, Elisa, fan an seo, guidheam ort; oir chuir an Tighearna mise gu Iericho. Agus thubhairt esan, Mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, cha dealaich mi riut. Agus thàinig iad gu Iericho.

Mar tha Edom ag ràdh, Rinneadh bochd sinn, ach tillidh sinn agus togaidh sinn na h‑ionadan sgaoilte; mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Togaidh iadsan, ach tilgidh mise sìos; agus goirear riu, Crìoch na h‑aingidheachd, agus an sluagh ris a bheil corraich aig an Tighearna gu sìorraidh.

Ach dh’fhan Iosa na thosd. Agus fhreagair an t‑àrd-shagart agus thubhairt e ris, Tha mi gad mhionnachadh air an Dia bheò gun innseadh tu dhuinn an tu Crìosd, Mac Dhè.

Agus ghabh dream àraidh de na h‑Iùdhaich, a bha ag imeachd o àite gu àite, a’ cur spioraid fo gheasan, os làimh ainm an Tighearna Iosa ainmeachadh os cionn na muinntir sin anns an robh droch spioradan, ag ràdh, Cuireamaid fo gheasan sibh tre Iosa a tha Pòl a’ searmonachadh.

Agus chaidh i sìos o Ianohah gu Atarot, agus gu Naarat, agus thàinig i gu Iericho, agus chaidh i a‑mach aig Iòrdan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan