Agus loisg iad am baile le teine, agus gach nì a bha ann: a‑mhàin an t‑airgead, agus an t‑òr, agus na soithichean umha agus iarainn, chuir iad ann an ionmhas taigh an Tighearna.
Agus nuair a dh’innseadh sin do Dhaibhidh chuir e daoine nan coinneamh, a chionn gu robh nàire mhòr air na daoine: agus thubhairt an rìgh, Fanaibh ann an Iericho gus am fàs ur feusag, agus an sin tillibh.
Iad sin mar an ceudna choisrig rìgh Daibhidh don Tighearna, maille ris an airgead agus an òr a thug e o na cinnich seo uile; o Edom, agus o Mhòab, agus o chloinn Amoin, agus o na Philistich, agus o Amalec.
Agus cruinnichidh tu a chreach uile gu meadhon a shràide, agus loisgidh tu le teine am baile, agus a chreach uile gu h‑iomlan, airson an Tighearna do Dhia: agus bidh e na thòrr a‑chaoidh; cha togar suas e nas mò.
Agus cha lean ri do làimh-sa a’ bheag den nì mhallaichte; a‑chum gun till an Tighearna o lasair a fheirge, agus gun nochd e tròcair dhut, agus gun dèan e iochd ort, agus gun toir e ort fàs lìonmhor, mar a mhionnaich e dod athraichean;
Agus bhuail iad na h‑anaman uile a bha ann le faobhar a’ chlaidheimh gan lèirsgrios: cha d’fhàgadh aon anns an robh anail; agus loisg e Hasor le teine.
Agus ghlèidh Iosua Rahab an strìopach beò, agus teaghlach a h‑athar, agus gach nì a bha aice: agus tha i na còmhnaidh ann an Israel gus an là‑an‑diugh, a chionn gun d’fhalaich i na teachdairean a chuir Iosua a rannsachadh a‑mach Iericho.
Agus na deich adhaircean a chunnaic thu air an fhiadh-bheathach, bheir iad sin fuath don strìopaich, agus nì iad fàs i, agus lomnochd, agus ithidh iad a feòil, agus loisgidh iad i le teine.
Uime sin ann an aon là thig a plàighean, bàs, agus bròn, agus gorta; agus loisgear i gu tur le teine: oir is neartmhor an Tighearna Dia a bheir breith oirre.