Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 6:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach ris an dithis fhear a rannsaich a‑mach an tìr thubhairt Iosua, Rachaibh a‑steach do thaigh na strìopaich, agus thugaibh a‑mach as a sin a’ bhean, agus gach nì a tha aice, mar a mhionnaich sibh dhi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus ghairm an rìgh air na Gibeonaich, agus thubhairt e riu; (a‑nis cha robh na Gibeonaich de chloinn Israeil, ach de iarmad nan Amorach: agus thug clann Israeil mionnan dhaibh: agus dh’iarr Saul am marbhadh, na eud airson chloinn Israeil agus Iùdah:)

Ach chaomhain an rìgh Mephiboset mac Ionatain mhic Shauil, airson mionnan an Tighearna, a bha eatorra, eadar Daibhidh agus Ionatan mac Shauil.

Leis an suarach an droch dhuine, ach a bheir urram dhaibhsan air am bi eagal an Tighearna; a mhionnaicheas a‑chum a challdaich fhèin, agus nach caochail;

Agus ghabh e de shliochd an rìgh, agus rinn e coicheangal ris, agus ghabh e mionnan dheth: ghlac e fòs daoine cumhachdach na tìre:

Mar as beò mise, deir an Tighearna Dia, gu deimhinn anns an àite anns a bheil còmhnaidh an rìgh a rinn rìgh dhethsan, neach a rinn e tàir air a mhionnan, agus a bhris e a chùmhnantan, eadhon leis-san, ann am meadhon Bhàbiloin, gheibh e bàs.

Is ann tre chreideamh nach do sgriosadh Rahab, an strìopach, maille riùsan nach do chreid, nuair a ghabh i ris an luchd-brathaidh ann an sìth.

Agus bidh am baile mallaichte, e fhèin agus gach nì a tha ann, don Tighearna: a‑mhàin bidh Rahab an strìopach beò, i fhèin agus iadsan uile a tha maille rithe anns an taigh, a chionn gun d’fhalaich i na teachdairean a chuir sinn uainn.

Agus chaidh na h‑òganaich a bha nan luchd-rannsachaidh a‑steach, agus thug iad a‑mach Rahab, agus a h‑athair, agus a màthair, agus a bràithrean, agus gach nì a bha aice; agus thug iad a‑mach a dìlsean uile, agus chuir iad an taobh a‑muigh de champ Israeil iad.

Agus rinn Iosua sìth riu, agus rinn e coicheangal riu, a leigeil leo a bhith beò: agus mhionnaich uachdarain a’ cho-chruinneachaidh dhaibh.

Agus nuair a dh’fheuch e dhaibh an rathad a‑steach don bhaile, bhuail iad am baile le faobhar a’ chlaidheimh: ach leig iad air falbh an duine agus a theaghlach uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan