Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 6:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn an sluagh iolach nuair a shèid na sagartan leis na trompaidean: agus nuair a chuala an sluagh fuaim na trompaid, agus a dh’èigh an sluagh le iolaich mhòir, an sin thuit am balla sìos gu làr; agus chaidh an sluagh suas don bhaile, gach duine dìreach roimhe, agus ghlac iad am baile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus rinn fir Iùdah iolach: agus nuair a rinn fir Iùdah iolach, air ball bhuail Dia Ierobòam agus Israel uile ro Abiah agus Iùdah.

Là trompaid agus iolaich an aghaidh nam bailtean daingnichte, agus an aghaidh nan tùr àrda.

Tre chreideamh thuit ballachan Iericho, an dèidh a bhith air an cuartachadh rè seachd làithean.

Agus nuair a nì iad fuaim fhada le adhaircean nan reitheachan, agus nuair a chluinneas sibh fuaim na trompaid, an sin èighidh an sluagh uile le iolaich mhòir, agus tuitidh balla a’ bhaile sìos o a bhunadh, agus thèid an sluagh suas, gach duine dìreach roimhe.

Agus nuair a thàinig àirc coicheangal an Tighearna don champ, dh’èigh Israel uile le iolaich mhòir, agus fhreagair an talamh don fhuaim.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan