Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 6:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Feuch, thug mi dod làimh Iericho, agus a rìgh, agus na daoine treun ann an neart.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi suas a dh’ionnsaigh nam Philisteach? An toir thu thairis iad dom làimh? Agus thubhairt an Tighearna ri Daibhidh, Gabh suas; oir gu cinnteach bheir mi thairis na Philistich dod làimh.

Agus chaidh an clann a‑steach, agus shealbhaich iad an tìr, agus chìosnaich thu romhpa luchd-àiteachaidh na tìre, na Canàanaich, agus thug thu thairis nan làimh iad fhèin agus an rìghrean, agus sluagh na tìre, a dhèanamh riu mar a bu mhiann leo.

Agus atharraichidh e na h‑àmannan, agus na h‑aimsirean: atharraichidh e rìghrean, agus cuiridh e suas rìghrean: bheir e gliocas don ghlic, agus eòlas dhaibhsan don aithne tuigse.

Agus ann an làithean nan rìghrean seo, cuiridh Dia nèimh suas rìoghachd nach tèid gu sìorraidh a sgrios: agus cha bhi an rìoghachd air a fàgail aig sluagh eile, ach brisidh i nam bloighdean, agus caithidh i na rìoghachdan seo uile, agus seasaidh i gu sìorraidh.

Tha a’ chùis seo le teann-òrdagh nam fear-faire, agus an t‑iarrtas air facal nan naomh: a‑chum gum biodh fhios aig na bheil beò gu bheil an Tì as àirde a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus ga tabhairt do neach air bith as àill leis, agus a’ cur suas os a cionn an tì as suaraiche de dhaoine.

Agus tha uile luchd-àiteachaidh na talmhainn air am meas mar neoni: agus nì esan mar as àill leis ann am feachd nèimh, agus am measg luchd-àiteachaidh na talmhainn: agus chan urrainn aon neach a làmh a bhacadh, no a ràdh ris, Ciod a tha thu a’ dèanamh?

O thusa a rìgh, thug an Dia as àirde do Nebuchadnesar d’athair rìoghachd, agus mòrachd, agus glòir, agus onair.

Agus bheir e an rìghrean thairis dod làimh, agus sgriosaidh tu an ainm o bhith fo nèamh: cha seas duine sam bith ad aghaidh, gus an cuir thu as dhaibh.

Rìgh Iericho, aon; rìgh Ai, a tha làimh ri Betel, aon;

Agus thubhairt iad ri Iosua, Gu fìrinneach thug an Tighearna thairis dar làimh am fearann uile: oir tha eadhon luchd-àiteachaidh na tìre uile air leaghadh far comhair.

Agus thubhairt i ris na daoine, Tha fhios agam gu bheil an Tighearna air toirt dhuibh na tìre, agus gu bheil ur n‑uamhas air tuiteam oirnne, agus gu bheil luchd-àiteachaidh na tìre uile air leaghadh as le eagal romhaibh:

Agus labhair an Tighearna ri Iosua, ag ràdh,

A‑nis bha Iericho air a dhruideadh suas gu teann, ro chloinn Israeil; cha deachaidh neach air bith a‑mach, agus cha tàinig neach air bith a‑steach.

Agus cuartaichidh sibh am baile, sibhse fheara-cogaidh uile, agus thèid sibh mu thimcheall a’ bhaile aon uair: mar seo nì thu air sia làithean.

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na gabh eagal, agus na bi fo gheilt; gabh an sluagh-cogaidh uile maille riut, agus èirich, imich suas gu Ai: feuch, thug mi thairis dod làimh rìgh Ai, agus a shluagh, agus a bhaile, agus a fhearann.

Agus thug an Tighearna, Dia Israeil, Sihon agus a shluagh uile thairis do làimh Israeil, agus bhuail iad iad: agus shealbhaich Israel uile fhearann nan Amorach, luchd-àiteachaidh na tìre sin.

An nì sin a bheir do dhia Chemos dhut ra shealbhachadh, nach sealbhaich thusa e? Agus ge bè neach a thilg an Tighearna ar Dia-ne a‑mach romhainn, na sheilbh-san thèid sinne.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan