Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 6:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach tha an t‑airgead uile, agus an t‑òr, agus na soithichean umha agus iarainn, coisrigte don Tighearna: thig iad a‑steach do ionmhas an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Iad sin mar an ceudna choisrig rìgh Daibhidh don Tighearna, maille ris an airgead agus ris an òr a choisrig e o na h‑uile chinnich a cheannsaich e;

Agus thug e leis ionmhasan taigh an Tighearna, agus ionmhasan taigh an rìgh; bhuin e leis eadhon an t‑iomlan: agus thug e leis na sgiathan òir uile a rinn Solamh.

Agus chrìochnaicheadh an obair uile a rinn rìgh Solamh airson taigh an Tighearna: agus thug Solamh a‑steach nithean naomhaichte Dhaibhidh a athair; eadhon an t‑airgead, agus an t‑òr, agus an t‑uidheam, chuir e am measg ionmhas taigh an Tighearna.

Agus thug e a‑mach as a sin uile ionmhasan taigh an Tighearna, agus ionmhasan taigh an rìgh, agus gheàrr e nam bloighdean na soithichean òir uile a rinn Solamh rìgh Israeil ann an teampall an Tighearna, mar a labhair an Tighearna.

Iad sin mar an ceudna choisrig rìgh Daibhidh don Tighearna, maille ris an airgead agus an òr a thug e o na cinnich seo uile; o Edom, agus o Mhòab, agus o chloinn Amoin, agus o na Philistich, agus o Amalec.

Agus de na Lèbhithich, bha Ahiah os cionn ionmhasan taigh Dhè, agus os cionn ionmhasan nan nithean naomha.

B’e Selomit seo agus a bhràithrean, a bha os cionn uile ionmhasan nan nithean coisrigte, a choisrig Daibhidh an rìgh, agus cinn nan athraichean, agus na ceannardan mhìltean agus cheud, agus ceannardan an t‑slòigh.

As na cathan agus as na creachan choisrig iad tabhartasan a chàradh taigh an Tighearna.

Agus gach uile nì a choisrig Samuel am fear-seallaidh, agus Saul mac Chis, agus Abner mac Neir, agus Ioab mac Sheruiah; agus ge bè neach a choisrig nì air bith, bha sin fo làimh Shelomit agus a bhràithrean.

Agus samhladh nan uile nithean a bha aige na inntinn, a‑thaobh lùchairtean taigh an Tighearna, agus a‑thaobh nan uile sheòmraichean mun cuairt, a‑thaobh ionadan-ionmhais taigh Dhè, agus a‑thaobh ionadan-taisgidh nan nithean coisrigte:

Agus thug e a‑steach na nithean a naomhaich a athair, agus na nithean a naomhaich e fhèin, do thaigh an Tighearna, airgead, agus òr, agus soithichean.

Agus thug iad a‑steach na tabhartasan, agus an deicheamh, agus na nithean naomhaichte gu fìrinneach; agus os an cionn bha Cononiah an Lèbhitheach na fhear-riaghlaidh, agus Simei a bhràthair anns an àit a b’fhaisge.

Agus bidh an sagart, mac Aaroin, maille ris na Lèbhithich, nuair a thogas na Lèbhithich suas leo deicheamh an deichimh gu taigh ar Dè, a‑steach do na seòmraichean, do thaigh an ionmhais:

Agus thug Ebed-melech leis na daoine, agus chaidh e a‑steach do thaigh an rìgh fon taigh-thasgaidh, agus thug e as a sin seann bhroineagan, agus seann luideagan, agus leig e sìos iad gu Ieremiah don t‑sloc le cùird.

Ach air a’ cheathramh bliadhna bidh a thoradh uile naomh, a‑chum cliù don Tighearna.

Èirich agus buail an t‑arbhar, O nighean Shioin; oir nì mise d’adharc na h‑iarann, agus d’iongannan nan umha; agus buailidh tu nam bloighdean mòran chinneach; agus coisrigidh tu an ionmhas don Tighearna; agus am maoin do Thriath na talmhainn uile.

Agus thug iad leo a’ chreach uile, agus an cobhartach uile, eadar dhaoine agus ainmhidhean.

Agus thug iad na braighdean agus a’ chreach agus an cobhartach gu Maois agus Eleàsar an sagart, agus gu co‑chruinneachadh chloinn Israeil, a‑chum a’ champa aig còmhnardan Mhòaib, a tha làimh ri Iòrdan am fagas do Iericho.

A‑mhàin an t‑òr, agus an t‑airgead, an t‑umha, an t‑iarann, an staoin, agus an luaidh,

Agus ghlac na h‑àrd-shagartan na buinn airgid, agus thubhairt iad, Cha chòir an cur anns an ionmhas, oir is luach fala iad.

Agus air do Iosa suidhe fa chomhair àite-coimhead an ionmhais, thug e fa‑near cionnas a bha am poball a’ cur an airgid anns an ionmhas: agus chuir mòran de dhaoine saoibhir mòran ann.

Pheacaich Israel, agus bhris iad mar an ceudna mo choicheangal a dh’àithn mi dhaibh; oir ghabh iad eadhon den nì mhallaichte, agus mar an ceudna ghoid iad, agus mar an ceudna cheil iad, agus chuir iad eadhon am measg an àirneis fhèin e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan