Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 6:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bidh am baile mallaichte, e fhèin agus gach nì a tha ann, don Tighearna: a‑mhàin bidh Rahab an strìopach beò, i fhèin agus iadsan uile a tha maille rithe anns an taigh, a chionn gun d’fhalaich i na teachdairean a chuir sinn uainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus beannaichidh mi iadsan a bheannaicheas thu, agus iadsan a mhallaicheas thu mallaichidh mi; agus annadsa beannaichear uile theaghlaichean na talmhainn.

Agus ge bè neach nach tigeadh an ceann trì làithean, a rèir comhairle nan uachdaran agus nan seanair, gun tugte uaithe a mhaoin uile, agus gum biodh e fhèin air a dhealachadh o cho-chruinneachadh na muinntir a thugadh air falbh.

Tha claidheamh an Tighearna sàsaichte le fuil; tha e biadhte le saill, le fuil uan agus ghobhar, le saill àirnean reitheachan; oir tha ìobairt aig an Tighearna ann am Bosrah, agus àr mòr ann an tìr Idumèa.

Oir is e seo là Tighearna nan sluagh, là dìoghaltais, a‑chum e fhèin a dhìoladh air a naimhdean; agus sluigidh an claidheamh, agus bidh e sàthach, agus cuirear air mhisg e lem fuil: oir tha ìobairt aig Tighearna nan sluagh anns an tìr mu thuath, làimh ri abhainn Euphràteis.

Agus thusa, a mhic an duine, mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Labhair ris gach eun iteagach, agus cruinnichibh sibh fhèin, agus thigibh; cruinnichibh sibh fhèin o gach taobh, gum ìobairt-sa a tha mi a’ dèanamh air ur son, eadhon àr mòr air slèibhtean Israeil, a‑chum gun ith sibh feòil, agus gun òl sibh fuil.

Ach bidh am fearann, nuair a thèid e a‑mach anns an Iubile, naomh don Tighearna, mar fhearann coisrigte: buinidh a shealbh don t‑sagart.

Èirich agus buail an t‑arbhar, O nighean Shioin; oir nì mise d’adharc na h‑iarann, agus d’iongannan nan umha; agus buailidh tu nam bloighdean mòran chinneach; agus coisrigidh tu an ionmhas don Tighearna; agus am maoin do Thriath na talmhainn uile.

Agus freagraidh an Rìgh, agus their e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, a mheud is gun do rinn sibh e do aon de na bràithrean as lugha agamsa, rinn sibh dhòmhsa e.

Ma tha neach sam bith nach gràdhaich an Tighearna Iosa Crìosd, biodh e na Anatèma, Maranàta.

Ach tha sinn a’ labhairt gliocas Dhè ann an rùn-diamhair, an gliocas sin a bha falaichte, a dh’òrdaich Dia ron t‑saoghal a‑chum ar glòir-ne:

Oir a mheud is a tha de obraichean an lagha, tha iad fon mhallachadh; oir tha e sgrìobhte, Is mallaichte gach neach nach buanaich anns na h‑uile nithean a tha sgrìobhte ann an leabhar an lagha a‑chum an dèanamh.

Agus chan eil an lagh o chreideamh: ach, An duine a nì iad gheibh e beatha annta.

Ach sgriosaidh tu gu tur iad, eadhon na Hitich, agus na h‑Amoraich, na Canàanaich, agus na Peridsich, na Hibhich, agus na h‑Iebusaich, a rèir mar a dh’àithn an Tighearna do Dhia dhut:

Is ann tre chreideamh nach do sgriosadh Rahab, an strìopach, maille riùsan nach do chreid, nuair a ghabh i ris an luchd-brathaidh ann an sìth.

Oir chan eil Dia mì‑chothromach, gun dìochuimhnicheadh e obair agus saothair ur gràidh, a nochd sibh a‑thaobh a ainme-san, am feadh is gun do rinn sibh frithealadh do na naoimh, agus gu bheil sibh a’ frithealadh.

Amhail sin mar an ceudna, nach robh Rahab an strìopach air a fìreanachadh le obraichean, nuair a ghabh i ris na teachdairean, agus a chuir i a‑mach air slighe eile iad?

Agus chuir Iosua mac Nuin a‑mach à Sitim dithis dhaoine a rannsachadh a‑mach gu h‑uaigneach, ag ràdh, Imichibh, rannsaichibh a‑mach an tìr, agus Iericho: agus dh’imich iad, agus chaidh iad a‑steach do thaigh strìopaich, dom b’ainm Rahab, agus laigh iad an sin.

Agus dh’fhalbh iad, agus thàinig iad don mhonadh, agus dh’fhan iad an sin trì làithean, gus an do thill an luchd-tòrachd. Agus dh’iarr an luchd-tòrachd iad air feadh na slighe uile, ach cha d’fhuair iad iad.

Ach rinn clann Israeil cionta anns an nì mhallaichte: oir ghabh Achan mac Charmi, mhic Shabdi, mhic Sherah, de threubh Iùdah, cuid den nì mhallaichte: agus las fearg an Tighearna an aghaidh chloinn Israeil.

A‑nis falbh, agus buail na h‑Amalecich, agus sgrios gu tur gach nì a tha aca, agus na caomhain iad; ach marbh araon fear agus bean, leanabh agus cìochran, damh agus caora, càmhal agus asal.

Agus thubhairt Saul ris na Cenich, Falbhaibh, imichibh à seo, rachaibh sìos o mheasg nan Amaleceach, air eagal gun sgrios mi sibh maille riu: oir nochd sibhse coibhneas do chloinn Israeil uile nuair a thàinig iad a‑nìos as an Eiphit. Uime sin dh’imich na Cenich o mheasg nan Amaleceach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan