Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 6:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air an t‑seachdamh uair shèid na sagartan leis na trompaidean, agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh, Dèanaibh iolach; oir thug an Tighearna dhuibh am baile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a sheall Iùdah nan dèidh, feuch, bha an cath air am beulaibh agus air an cùlaibh: agus ghlaodh iad ris an Tighearna, agus rinn na sagartan fuaim le trompaidean.

Agus rinn fir Iùdah iolach: agus nuair a rinn fir Iùdah iolach, air ball bhuail Dia Ierobòam agus Israel uile ro Abiah agus Iùdah.

Agus air an t‑seachdamh là dh’èirich iad gu moch mu bhriseadh na fàire, agus chuartaich iad am baile air an dòigh cheudna, seachd uairean: a‑mhàin air an là sin chuartaich iad am baile seachd uairean.

Agus nuair a nì iad fuaim fhada le adhaircean nan reitheachan, agus nuair a chluinneas sibh fuaim na trompaid, an sin èighidh an sluagh uile le iolaich mhòir, agus tuitidh balla a’ bhaile sìos o a bhunadh, agus thèid an sluagh suas, gach duine dìreach roimhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan