Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 6:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’imich air an aghaidh a‑ghnàth seachd sagartan, a’ giùlan seachd trompaidean de adhaircean reitheachan ro àirc an Tighearna, agus shèid iad leis na trompaidean: agus dh’imich an sluagh armaichte romhpa, ach thàinig a’ chuid eile den t‑sluagh an dèidh àirc an Tighearna, na sagartan a’ gabhail air an aghaidh, agus a’ sèideadh leis na trompaidean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chuidich Dia leis na Lèbhithich a ghiùlain àirc coicheangal an Tighearna, dh’ìobair iad seachd tairbh òga agus seachd reitheachan.

Agus chaidh bratach treubh chloinn Dhan air a h‑aghaidh, a bha air deireadh nan camp uile air feadh an slògh: agus air ceann a shlòigh bha Ahieser mac Amisadai.

Ach ge bè a bhios seasmhach gus a’ chrìoch, is e seo a thèarnar.

Agus na sgìthicheamaid de mhath a dhèanamh: oir ann an àm iomchaidh buainidh sinn, mura fannaich sinn.

Agus dh’èirich Iosua gu moch anns a’ mhadainn, agus thog na sagartan suas àirc an Tighearna.

Agus air an dara là chuartaich iad am baile aon uair, agus thill iad don champ: mar seo rinn iad air sia làithean.

Agus giùlainidh seachd sagartan ron àirc seachd trompaidean de adhaircean reitheachan: agus air an t‑seachdamh là thèid sibh mu thimcheall a’ bhaile seachd uairean, agus sèididh na sagartan leis na trompaidean.

Agus chaidh na daoine armaichte ro na sagartan a shèid leis na trompaidean, agus thàinig a’ chuid eile den t‑sluagh an dèidh na h‑àirce, na sagartan a’ gabhail air an aghaidh, agus a’ sèideadh leis na trompaidean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan