Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 6:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis bha Iericho air a dhruideadh suas gu teann, ro chloinn Israeil; cha deachaidh neach air bith a‑mach, agus cha tàinig neach air bith a‑steach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a dh’innseadh sin do Dhaibhidh chuir e daoine nan coinneamh, a chionn gu robh nàire mhòr air na daoine: agus thubhairt an rìgh, Fanaibh ann an Iericho gus am fàs ur feusag, agus an sin tillibh.

Agus fhuair rìgh Asiria ceannairc ann an Hosèah; oir chuir e teachdairean gu Seo, rìgh na h‑Eiphit, agus cha tug e tìodhlac air bith gu rìgh Asiria, mar a chleachd e o bhliadhna gu bliadhna: uime sin dhruid rìgh Asiria suas e, agus cheangail e ann am prìosan e.

Agus thubhairt Eliah ris, Elisa, fan an seo, guidheam ort; oir chuir an Tighearna mise gu Iericho. Agus thubhairt esan, Mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, cha dealaich mi riut. Agus thàinig iad gu Iericho.

Mura tog an Tighearna an taigh, gu dìomhain saothraichidh a luchd-togail; mura glèidh an Tighearna am baile, gu dìomhain nì am fear-coimhead faire.

Agus chaidh i sìos o Ianohah gu Atarot, agus gu Naarat, agus thàinig i gu Iericho, agus chaidh i a‑mach aig Iòrdan.

A‑nis b’iad bailtean mòra treubh chloinn Bheniàmin, a rèir an teaghlaichean, Iericho agus Bet-hoglah, agus gleann Chesis,

Agus chuir Iosua mac Nuin a‑mach à Sitim dithis dhaoine a rannsachadh a‑mach gu h‑uaigneach, ag ràdh, Imichibh, rannsaichibh a‑mach an tìr, agus Iericho: agus dh’imich iad, agus chaidh iad a‑steach do thaigh strìopaich, dom b’ainm Rahab, agus laigh iad an sin.

Agus thubhairt iad ri Iosua, Gu fìrinneach thug an Tighearna thairis dar làimh am fearann uile: oir tha eadhon luchd-àiteachaidh na tìre uile air leaghadh far comhair.

Agus lean na daoine air an tòir anns an t‑slighe gu Iòrdan, gu ruig na h‑àthan; agus cho luath is a chaidh a’ mhuinntir a bha air an tòir a‑mach, dhruid iad an geata.

Agus thubhairt ceannard sluagh an Tighearna ri Iosua, Fuasgail do bhròg bhàrr do choise, oir tha an t‑ionad air a bheil thu ad sheasamh, naomh. Agus rinn Iosua mar sin.

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Feuch, thug mi dod làimh Iericho, agus a rìgh, agus na daoine treun ann an neart.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan