Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 5:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Air an là‑an‑diugh bhuin mi air falbh uaibh masladh na h‑Eiphit: uime sin thugadh Gilgal mar ainm air an àite sin gus an là‑an‑diugh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt iad riu, Chan fhaod sinne an nì seo a dhèanamh, ar piuthar a thoirt do dhuine neo-thimcheall-gheàrrte; oir bhiodh sin na mhasladh dhuinne.

Uime sin thill an rìgh, agus thàinig e gu Iòrdan: agus thàinig Iùdah gu Gilgal, a dhol an coinneamh an rìgh, gus an rìgh a thoirt thar Iòrdan.

Agus à taigh Ghilgail, agus à machraichean Gheba agus Asmabheit; oir thog an luchd-seinn bailtean beaga dhaibh fhèin mu thimcheall Ierusaleim.

Cuir uam mo mhasladh as eagal leam, oir tha do bhreitheanais math.

Feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an smachdaich mise na h‑uile a tha timcheall-gheàrrte, maille ris an neo-thimcheall-gheàrrte;

Agus rinn iad strìopachas anns an Eiphit, rinn iad strìopachas nan òige; an sin bha an uchd air a bhruthadh, agus an sin bhruthadh cìochan am maighdeannais.

Cha mhò a sguir i de a strìopachas leis an Eiphit: oir na h‑òige laigh iad leatha, agus bhrùth iad cìochan a maighdeannais, agus dhòirt iad oirre an strìopachas.

Ged dhèan thusa strìopachas, O Israeil, gidheadh na ciontaicheadh Iùdah; agus na tigibh-se gu Gilgal, cha mhò a thèid sibh suas gu Bet-abhen; cha mhò a mhionnaicheas sibh, Mar as beò an Tighearna.

Thoir a‑mach esan a mhallaich an taobh a‑muigh den champ, agus cuireadh iadsan uile a chuala e an làmhan air a cheann, agus clachadh an co‑chruinneachadh uile e.

Ach na h‑iarraibh Betel, agus na rachaibh a‑steach gu Gilgal, agus na siùbhlaibh thairis gu Beer-sèba: oir thèid Gilgal gu deimhinn ann am braighdeanas, agus thig Betel gu neoni.

O mo shluagh, cuimhnich a‑nis ciod a’ chomhairle a ghabh Balac rìgh Mhòaib; agus ciod am freagradh a thug Balàam mac Bheoir dha, o Shitim gu Gilgal; a‑chum gun aithnich sibh fìreantachd an Tighearna.

Chuala mise masladh Mhòaib, agus ana-cainnt chloinn Amoin, leis an do rinn iad mo shluagh-sa a mhaslachadh, agus iad fhèin a mheudachadh an aghaidh an crìochan.

A‑nis uime sin biodh eagal an Tighearna oirbh, agus dèanaibh seirbhis dha ann an treibhdhireas agus ann am fìrinn, agus cuiribh uaibh na diathan don do rinn ur n‑athraichean seirbhis air taobh thall na h‑aibhne, agus anns an Eiphit, agus dèanaibh seirbhis don Tighearna.

Agus thàinig an sluagh a‑nìos à Iòrdan air an deicheamh là den chiad mhìos, agus champaich iad ann an Gilgal, anns an iomall a làimh na h‑àird an ear de Iericho.

Agus nuair a bha an sluagh uile air an timcheall-ghearradh, dh’fhan iad nan àitean anns a’ champ, gus an robh iad slàn.

Agus thubhairt Ionatan ris an òganach a dh’iomchair a airm, Thig, agus rachamaid thairis a dh’ionnsaigh freiceadan nan daoine neo-thimcheall-gheàrrte ud: theagamh gun obraich an Tighearna air ar son; oir chan eil bacadh air an Tighearna saoradh le mòran no le beagan.

Agus thubhairt Daibhidh ris na daoine a sheas làimh ris, ag ràdh, Ciod a nìthear don duine a mharbhas am Philisteach seo, agus a bheir air falbh am masladh o Israel? Oir cò e am Philisteach neo-thimcheall-gheàrrte seo, gun tugadh e dùbhlan do armailtean an Dè bheò?

Araon an leòmhann agus am math-ghamhainn mharbh do sheirbhiseach: agus bidh am Philisteach neo-thimcheall-gheàrrte seo mar aon diùbh-san, do bhrìgh gun tug e dùbhlan do armailtean an Dè bheò.

Agus chaidh e o bhliadhna gu bliadhna mun cuairt gu Betel, agus Gilgal, agus Mispeh, agus thug e breith air Israel anns na h‑àitean sin uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan