Agus air an treas là, nuair bha iad air an cràdh, an sin ghabh dithis de mhic Iàcoib, Simeon agus Lèbhi, bràithrean Dhinah, gach fear aca a chlaidheamh, agus thàinig iad air a’ bhaile gu dàna; agus mharbh iad gach fireannach.
Agus an clann-san, a thog e suas nan àite, iadsan thimcheall-gheàrr Iosua: oir bha iad neo-thimcheall-gheàrrte, a chionn nach do thimcheall-ghearradh iad air an t‑slighe.
Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Air an là‑an‑diugh bhuin mi air falbh uaibh masladh na h‑Eiphit: uime sin thugadh Gilgal mar ainm air an àite sin gus an là‑an‑diugh.