Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 5:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an clann-san, a thog e suas nan àite, iadsan thimcheall-gheàrr Iosua: oir bha iad neo-thimcheall-gheàrrte, a chionn nach do thimcheall-ghearradh iad air an t‑slighe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt iad riu, Chan fhaod sinne an nì seo a dhèanamh, ar piuthar a thoirt do dhuine neo-thimcheall-gheàrrte; oir bhiodh sin na mhasladh dhuinne.

Ach ur clann bheag, a thubhairt sibh a bhiodh nan cobhartaich, iadsan bheir mi a‑steach, agus gabhaidh iad eòlas air an fhearann air an do rinn sibhse tàir.

Agus ur leanabanan, a thubhairt sibh gum biodh iad nan creich, agus ur clann, aig nach robh anns an là ud eòlas air math seach olc, thèid iadsan a‑steach an sin, agus dhaibhsan bheir mi e, agus sealbhaichidh iad e.

Oir dh’imich clann Israeil anns an fhàsach dà‑fhichead bliadhna, gus an deachaidh as don luchd-cogaidh uile a thàinig a‑mach as an Eiphit, a chionn nach tug iad gèill do ghuth an Tighearna: don do mhionnaich an Tighearna nach nochdadh e dhaibh am fearann, a mhionnaich an Tighearna dan athraichean gun tugadh e dhuinn, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil.

Agus nuair a bha an sluagh uile air an timcheall-ghearradh, dh’fhan iad nan àitean anns a’ champ, gus an robh iad slàn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan