Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 5:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir dh’imich clann Israeil anns an fhàsach dà‑fhichead bliadhna, gus an deachaidh as don luchd-cogaidh uile a thàinig a‑mach as an Eiphit, a chionn nach tug iad gèill do ghuth an Tighearna: don do mhionnaich an Tighearna nach nochdadh e dhaibh am fearann, a mhionnaich an Tighearna dan athraichean gun tugadh e dhuinn, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Chaidh iad air seachran anns an fhàsach, ann an ionad uaigneach; slighe gu baile tàimh cha d’fhuair iad.

Agus thubhairt mi, Bheir mi suas sibh à àmhghar na h‑Eiphit, gu fearann nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach, gu fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil.

Agus thàinig mi a‑nuas gan saoradh à làimh nan Eiphiteach, agus gan toirt suas a‑mach as an fhearann sin, gu fearann math agus farsaing, gu fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil; gu àite nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach.

Imich agus glaodh ann an cluasan Ierusaleim, ag ràdh; Mar seo deir an Tighearna, Chuimhnich mise as do leth an coibhneas a nochd mi dhut ann ad òige, gràdh do cheangail-phòsaidh, nuair a dh’imich thu am dhèidh anns an fhàsach, ann am fearann nach do threabhadh.

Ach fòs thog mi suas mo làmh dhaibh anns an fhàsach, nach tugainn iad don fhearann a thug mi dhaibh, a’ sruthadh le bainne agus le mil, as e glòir nan uile fhearann:

Anns an là anns an do thog mi suas mo làmh air an son gu an toirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit, a‑chum fearainn a rannsaich mi a‑mach dhaibh, a’ sruthadh le bainne agus le mil, as e glòir nan uile fhearann;

Agus tàrlaidh anns an là sin gun sil na slèibhtean a‑nuas fìon nuadh, agus sruthaidh na beanntan le bainne; agus sruthaidh uile aibhnichean Iùdah le uisgeachan; agus thig tobar a‑mach o thaigh an Tighearna, agus uisgichidh e gleann Shitim.

Gu cinnteach chan fhaic iadsan am fearann a mhionnaich mi dan athraichean, cha mhò a chì neach air bith dhiubhsan a bhrosnaich mi e:

Is iad sin iadsan a chaidh àireamh le Maois agus Eleàsar an sagart, a rinn clann Israeil àireamh ann an còmhnardan Mhòaib, làimh ri Iòrdan am fagas do Iericho.

Agus anns an dà‑fhicheadamh bliadhna, anns an aon-mhìos-deug, air a’ chiad là den mhìos, labhair Maois ri cloinn Israeil, a rèir nan uile nithean a dh’àithn an Tighearna dha dan taobh;

Agus b’i an ùine anns an tàinig sinn o Chadeis-barnea, gus an deachaidh sinn thar sruth Shereid, ochd-bliadhna-deug ar fhichead; gus an robh ginealach an t‑sluaigh-chogaidh uile air an caitheamh a‑mach o mheasg an t‑slòigh, mar a mhionnaich an Tighearna dhaibh.

Oir bheannaich an Tighearna do Dhia thu ann an uile obraichean do làimhe: is aithne dha do thriall tron fhàsach mhòr seo; rè an dà‑fhichead bliadhna seo bha an Tighearna do Dhia maille riut, cha robh uireasbhaidh nì sam bith ort.

Cha do chaitheadh d’aodach dhìot le aois, cha mhò a dh’at do chas rè an dà‑fhichead bliadhna seo.

Ionnas gun tug mi mo mhionnan am fheirg, nach tèid iad a‑steach dom shuaimhneas.

Bi làidir, agus ro‑mhisneachail; oir don t‑sluagh seo roinnidh tu mar oighreachd an tìr a mhionnaich mi dan athraichean a thabhairt dhaibh.

Agus nuair a ghlaodh iad ris an Tighearna, chuir e dorchadas eadar sibhse agus na h‑Eiphitich, agus thug e a’ mhuir orrasan, agus dh’fhalaich e iad; agus chunnaic ur sùilean ciod a rinn mi anns an Eiphit: agus ghabh sibh còmhnaidh anns an fhàsach ùine fhada.

A‑nis bha an sluagh uile a thàinig a‑mach air an timcheall-ghearradh; ach an sluagh uile a rugadh anns an fhàsach air an t‑slighe, nuair a thàinig iad a‑mach as an Eiphit, iadsan cha do thimcheall-gheàrr iad.

Agus an clann-san, a thog e suas nan àite, iadsan thimcheall-gheàrr Iosua: oir bha iad neo-thimcheall-gheàrrte, a chionn nach do thimcheall-ghearradh iad air an t‑slighe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan