Iosua 5:5Am Bìoball Gàidhlig 1992A‑nis bha an sluagh uile a thàinig a‑mach air an timcheall-ghearradh; ach an sluagh uile a rugadh anns an fhàsach air an t‑slighe, nuair a thàinig iad a‑mach as an Eiphit, iadsan cha do thimcheall-gheàrr iad. Faic an caibideil |
Oir dh’imich clann Israeil anns an fhàsach dà‑fhichead bliadhna, gus an deachaidh as don luchd-cogaidh uile a thàinig a‑mach as an Eiphit, a chionn nach tug iad gèill do ghuth an Tighearna: don do mhionnaich an Tighearna nach nochdadh e dhaibh am fearann, a mhionnaich an Tighearna dan athraichean gun tugadh e dhuinn, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil.