Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 5:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus is e seo an t‑adhbhar mun do thimcheall-gheàrr Iosua: Fhuair an sluagh uile a thàinig a‑mach as an Eiphit, a bha nam fireannaich, eadhon na fir-chogaidh uile, bàs anns an fhàsach air an t‑slighe, an dèidh dhaibh teachd a‑mach as an Eiphit.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Oir na daoine sin uile a chunnaic mo ghlòir, agus mo chomharraidhean a rinn mi anns an Eiphit, agus anns an fhàsach, agus a bhuair mi a‑nis na deich uairean seo, agus nach d’èisd rim ghuth;

Ach le mòran dhiubh cha robh Dia toilichte: oir sgriosadh anns an fhàsach iad.

Agus b’i an ùine anns an tàinig sinn o Chadeis-barnea, gus an deachaidh sinn thar sruth Shereid, ochd-bliadhna-deug ar fhichead; gus an robh ginealach an t‑sluaigh-chogaidh uile air an caitheamh a‑mach o mheasg an t‑slòigh, mar a mhionnaich an Tighearna dhaibh.

Agus thàrladh, nuair a bha na fir-chogaidh uile air an claoidh, agus air bàsachadh o mheasg an t‑sluaigh,

Agus rinn Iosua dha fhèin sgeanan geura, agus thimcheall-gheàrr e clann Israeil aig cnoc nan ro‑chraiceann.

A‑nis bha an sluagh uile a thàinig a‑mach air an timcheall-ghearradh; ach an sluagh uile a rugadh anns an fhàsach air an t‑slighe, nuair a thàinig iad a‑mach as an Eiphit, iadsan cha do thimcheall-gheàrr iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan