Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 5:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn Iosua dha fhèin sgeanan geura, agus thimcheall-gheàrr e clann Israeil aig cnoc nan ro‑chraiceann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

An sin ghabh Siporah clach gheur, agus thimcheall-gheàrr i ro‑chraiceann a mic, agus thilg i aig a chasan e, agus thubhairt i, Gu cinnteach is fear-pòsda fuileachdach dhòmhsa thu.

An sin thubhairt Iosa ra dheisciobail, Mas àill le neach air bith teachd am dhèidh-sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e air a chrann-ceusaidh, agus leanadh e mise.

Anns an àm sin thubhairt an Tighearna ri Iosua, Dèan dhut fhèin sgeanan geura, agus timcheall-gheàrr clann Israeil a‑rìs an dara uair.

Agus is e seo an t‑adhbhar mun do thimcheall-gheàrr Iosua: Fhuair an sluagh uile a thàinig a‑mach as an Eiphit, a bha nam fireannaich, eadhon na fir-chogaidh uile, bàs anns an fhàsach air an t‑slighe, an dèidh dhaibh teachd a‑mach as an Eiphit.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan