An sin ghabh Siporah clach gheur, agus thimcheall-gheàrr i ro‑chraiceann a mic, agus thilg i aig a chasan e, agus thubhairt i, Gu cinnteach is fear-pòsda fuileachdach dhòmhsa thu.
Ach is Iùdhach esan, a tha mar sin anns an taobh a‑staigh; agus is e sin an timcheall-ghearradh a tha anns a’ chridhe, agus anns an spiorad, chan ann anns an litir, aig a bheil a chliù chan ann o dhaoine, ach o Dhia.
Agus fhuair e comharradh an timcheall-ghearraidh, seula fìreantachd a’ chreidimh a bha aige anns an neo-thimcheall-ghearradh, a‑chum gum biodh e na athair acasan uile anns an neo-thimcheall-ghearradh a tha a’ creidsinn, a‑chum gum biodh fìreantachd air a meas dhaibhsan mar an ceudna:
Agus timcheall-ghearraidh an Tighearna do Dhia do chridhe, agus cridhe do shliochd, a ghràdhachadh an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, a‑chum gum bi thu beò.
Anns a bheil sibh mar an ceudna air ur timcheall-ghearradh leis an timcheall-ghearradh nach do rinneadh le làmhan, ann an cur dhibh corp peacaidhean na feòla, le timcheall-ghearradh Chrìosd;