Agus dh’ith iad de sheann bhàrr an fhearainn air an là màireach an dèidh na càisge, breacagan neo-ghortaichte, agus sìol cruadhaichte air an là sin fhèin.
Agus chan ith sibh aran, no gràn cruadhaichte, no diasan glasa, gus an là sin fhèin anns an toir sibh tabhartas a‑chum ur Dè: bidh e na reachd bithbhuan air feadh ur ginealaichean, nur n‑àiteachan-còmhnaidh uile:
Agus sguir am mana air an là màireach an dèidh dhaibh ithe de sheann bhàrr an fhearainn; cha mhò a bha mana tuilleadh aig cloinn Israeil, ach dh’ith iad de thoradh fearann Chanàain air a’ bhliadhna sin.