Agus mar seo ithidh sibh e; le ur leasraidh crioslaichte, ur brògan air ur casan, agus ur lorg nur làimh: agus ithidh sibh e le cabhaig; is i càisg an Tighearna a tha ann.
Anns a’ chiad mhìos, air a’ cheathramh-là‑deug den mhìos anns an fheasgar, ithidh sibh aran neo-ghortaichte, gu ruig an ciad là ar fhichead den mhìos anns an fheasgar.
Agus gleidhidh sibh a‑staigh e, gu ruig an ceathramh-là‑deug den mhìos seo; agus marbhaidh co‑chruinneachadh iomlan chloinn Israeil e anns an fheasgar.
Ach lean feachd nan Caldèanach air an tòir, agus rug iad air Sedeciah ann an còmhnardan Iericho; agus ghlac iad e, agus thug iad e gu Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, aig Riblah, ann am fearann Hamait, far an tug e breith air.
Uime sin, a mhic an duine, deasaich dhut fhèin àirneis airson dol air imrich, agus atharraich anns an là nan sealladh; agus atharraichidh tu od àite gu àit eile nan sealladh; theagamh gun toir iad fa‑near, ged is taigh ceannairceach iad.
O mo shluagh, cuimhnich a‑nis ciod a’ chomhairle a ghabh Balac rìgh Mhòaib; agus ciod am freagradh a thug Balàam mac Bheoir dha, o Shitim gu Gilgal; a‑chum gun aithnich sibh fìreantachd an Tighearna.
Agus thàinig an sluagh a‑nìos à Iòrdan air an deicheamh là den chiad mhìos, agus champaich iad ann an Gilgal, anns an iomall a làimh na h‑àird an ear de Iericho.
Agus dh’ith iad de sheann bhàrr an fhearainn air an là màireach an dèidh na càisge, breacagan neo-ghortaichte, agus sìol cruadhaichte air an là sin fhèin.
Agus chaidh iad a dh’ionnsaigh Iosua don champ gu Gilgal, agus thubhairt iad ris, agus ri fir Israeil, Thàinig sinne o dhùthaich fad as; a‑nis uime sin dèanaibh coicheangal rinn.