Iosua 5:1Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus nuair a chuala uile rìghrean nan Amorach, a bha air an taobh thall de Iòrdan a làimh na h‑àird an iar, agus uile rìghrean nan Canàanach, a bha làimh ris an fhairge, gun do thiormaich an Tighearna suas uisgeachan Iòrdain ro chloinn Israeil, gus an deachaidh sinn thairis, leagh an cridhe, agus cha robh spiorad tuilleadh annta, airson chloinn Israeil. Faic an caibideil |
Agus nuair a rinneadh na nithean sin, thàinig na h‑uachdarain am ionnsaigh ag ràdh, Cha do dhealaich sluagh Israeil, agus na sagartan, agus na Lèbhithich iad fhèin o shluagh na tìre, a’ dèanamh a rèir an gràinealachd, eadhon nan Canàanach, nan Hiteach, nam Peridseach, nan Iebusach, nan Amonach, nam Mòabach, nan Eiphiteach, agus nan Amorach.
Agus tàrlaidh, nuair a their iad riut, Carson a tha thu ag osnaich? gum freagair thusa, Airson an sgeòil, a chionn gu bheil e a’ teachd: agus leaghaidh gach aon chridhe, agus bidh na h‑uile làmhan lag, agus gach aon spiorad fann, agus na h‑uile ghlùinean anfhann mar uisge: feuch tha e a’ teachd, agus bheirear e gu crìch, deir an Tighearna Dia.
Agus ma mheasar e olc leibh seirbhis a dhèanamh don Tighearna, roghnaichibh an‑diugh cò don dèan sibh seirbhis; an ann do na diathan don do rinn ur n‑athraichean seirbhis, a bha air taobh thall na h‑aibhne, no do dhiathan nan Amorach, muinntir a tha sibh a chòmhnaidh nan tìr: ach air mo shon-sa, agus airson mo thaighe, nì sinne seirbhis don Tighearna.
An sin sheas na h‑uisgeachan a thàinig a‑nuas on àirde, agus dh’èirich iad suas nan tòrr ro‑fhada on bhaile Adam, a tha làimh ri Saretan: agus theirig iadsan a chaidh sìos rathad muir a’ chòmhnaird, eadhon a’ mhuir shalainn, agus ghearradh as iad; agus chaidh an sluagh thairis dìreach fa chomhair Iericho.