Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 4:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir Iosua suas dà‑chloich-dheug am meadhon Iòrdain, anns an ionad anns an do sheas casan nan sagart a ghiùlain àirc a’ choicheangail: agus tha iad an sin gus an là‑an‑diugh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus thug e Sèba mar ainm air; uime sin is e Beer-sèba ainm a’ bhaile sin gus an là‑an‑diugh.

Agus dh’èirich Iàcob gu moch anns a’ mhadainn, agus ghabh e a’ chlach a chuir e fo a cheann, agus chuir e suas na carragh i, agus dhòirt e ola air a mullach.

Agus theich na Beerotaich gu Gitaim, agus tha iad nan luchd-cuairt an sin gu ruig an là‑an‑diugh:)

Agus ghabh Eliah dà‑chloich-dheug, a rèir àireamh treubh mic Iàcoib, a‑chum an tàinig facal an Tighearna, ag ràdh, Bidh Israel mar ainm ort;

Agus tharraing iad a‑mach na lunnan, air chor is gum faicte cinn nan lunn on àirc fa chomhair a’ ghuth-àite; ach chan fhaicte a‑muigh iad: agus tha iad an sin gus an là‑an‑diugh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Thig a‑nìos am ionnsaigh-sa don t‑sliabh, agus bi an sin: agus bheir mise dhut clàir chloiche, agus lagh, agus na h‑àitheantan a sgrìobh mi, a‑chum iadsan a theagasg.

Agus bidh na clachan le ainmean chloinn Israeil, a dhà-dheug, a rèir an ainmean; le gearradh seula, bidh gach aon aca le a h‑ainm fhèin a rèir an dà‑threubh-dheug.

Air an adhbhar sin goirear den fhearann sin, Fearann na fala, gus an là‑an‑diugh.

Agus ghabh iad an t‑airgead, agus rinn iad mar a theagaisgeadh dhaibh: agus tha a’ chainnt seo air a h‑aithris am measg nan Iùdhach gus an là‑an‑diugh.

Agus dh’adhlaic e ann an gleann e, ann am fearann Mhòaib, thall fa chomhair Bhet-peoir: ach chan aithne do dhuine sam bith a uaigh gus an là‑an‑diugh.

Agus sgrìobh Iosua na briathran seo ann an leabhar lagh Dhè, agus ghabh e clach mhòr, agus chuir e suas i an sin fo dharaig, a bha làimh ri ionad naomh an Tighearna.

Oir sheas na sagartan a ghiùlain an àirc am meadhon Iòrdain, gus an do chrìochnaicheadh gach nì a dh’àithn an Tighearna do Iosua a labhairt ris an t‑sluagh, a rèir nan uile nithean a dh’àithn Maois do Iosua: agus rinn an sluagh cabhag, agus chaidh iad thairis.

Agus chaidh an duine do fhearann nan Hiteach, agus thog e baile, agus thug e Luds mar ainm air: is e seo a ainm gus an là‑an‑diugh.

Agus bha e mar sin on là sin a‑mach gun do rinn e na lagh e agus na riaghailt aig Israel gus an là‑an‑diugh.

An sin ghabh Samuel clach, agus shuidhich e i eadar Mispeh agus Sen; agus thug e Eben-eser mar ainm oirre, agus thubhairt e, Gu ruige seo chuidich an Tighearna leinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan