Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 4:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑chum gum bi seo na chomharradh nur measg, a‑chum nuair a dh’fhiosraicheas ur clann anns an àm ri teachd, ag ràdh, Ciod as ciall dhuibh leis na clachan seo?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

A Dhè, le ar cluasan chuala sinn, dh’innis ar n‑athraichean dhuinn an obair a rinn thu nan làithean-san, anns na làithean o shean.

Agus a‑nis, nuair a tha mi sean agus liath, a Dhè, na trèig mi; gus an cuir mi an cèill do neart don àl seo, do gach àl ri teachd do chumhachd.

Agus bidh an là seo dhuibh mar chuimhneachan; agus gleidhidh sibh e na là‑fèille don Tighearna air feadh ur ginealaichean; le òrdagh sìorraidh gleidhidh sibh e.

Agus nuair a dh’fheòraicheas do mhac dhìot anns an aimsir ri teachd, ag ràdh, Ciod e seo? An sin their thu ris, Le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sinn as an Eiphit, à taigh na daorsa:

Agus bidh e dhut mar chomharradh air do làimh, agus mar chuimhneachan eadar do shùilean, a‑chum gum bi lagh an Tighearna ann ad bheul: oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach thu as an Eiphit.

Labhair thusa mar an ceudna ri cloinn Israeil, ag ràdh, Gu deimhinn coimheadaidh sibh mo shàbaidean: oir is comharradh sin eadar mise agus sibhse, air feadh ur ginealaichean; a‑chum is gum bi fhios agaibh gur mise an Tighearna a naomhaicheas sibh.

Am beò, am beò, molaidh esan thu, mar a nì mise air an là‑an‑diugh; foillsichidh an t‑athair don chloinn do thairisneachd.

An àite droighne fàsaidh an giuthas, agus an àite drise fàsaidh am miortal; agus bidh e don Tighearna mar ainm, mar chomharradh bith-bhuan, nach cuirear as àite.

A thuilleadh air seo fòs, thug mi dhaibh mo shàbaidean, gu bhith nan comharradh eadar mise agus iadsan, a‑chum gun aithnicheadh iad gur mi an Tighearna a tha gan naomhachadh.

Agus naomhaichibh mo shàbaidean; agus bidh iad nan comharradh eadar mise agus sibhse, a‑chum gum bi fhios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia.

Tùiseirean nam peacach ud an aghaidh an anama fhèin, agus dèanadh iad dhiubh leacan leathann mar chòmhdach don altair: oir thug iad seachad iad an làthair an Tighearna, air an adhbhar sin tha iad coisrigte; agus bidh iad nan comharradh do chloinn Israeil.

Oir tha an gealladh dhuibhse, agus dur cloinn, agus do na h‑uile a tha fad o làimh, eadhon a mheud is a ghairmeas an Tighearna ar Dia.

Agus teagaisgidh sibh iad dur cloinn, a’ labhairt orra nuair a shuidheas tu ad thaigh, agus nuair a dh’imicheas tu air an t‑slighe, agus nuair a laigheas tu sìos, agus nuair a dh’èireas tu suas.

Ach a‑chum gum bi i na fianais eadar sinne agus sibhse, agus ar sliochd nar dèidh, a‑chum gun dèan sinn seirbhis an Tighearna na làthair le ar tabhartasan-loisgte, agus le ar n‑ìobairtean, agus le ar tabhartasan-sìth, a‑chum nach abair ur clann-se ri ar cloinn-ne anns an àm ri teachd, Chan eil cuibhreann agaibh anns an Tighearna.

Agus labhair e ri cloinn Israeil, ag ràdh, Nuair a dh’fhiosraicheas ur clann den athraichean anns an àm ri teachd, ag ràdh, Ciod as ciall do na clachan seo?

Agus thubhairt Iosua riu, Rachaibh thairis ro àirc an Tighearna ur Dia gu meadhon Iòrdain, agus togadh gach fear dhibh clach air a ghualainn, a rèir àireamh treubhan chloinn Israeil;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan