Agus thubhairt Iosua riu, Rachaibh thairis ro àirc an Tighearna ur Dia gu meadhon Iòrdain, agus togadh gach fear dhibh clach air a ghualainn, a rèir àireamh treubhan chloinn Israeil;
Agus sgrìobh Maois briathran an Tighearna uile, agus dh’èirich e gu moch anns a’ mhadainn, agus thog e altair fon t‑sliabh, agus dà‑charragh-dheug a rèir dà‑threubh-dheug Israeil.
Agus tàrlaidh, air an là anns an tèid sibh thar Iòrdan don fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut, gun cuir thu suas dhut fhèin clachan mòra, agus còmhdaichidh tu thairis le aol iad.
Eisd, O Israeil: tha thu gu gabhail thar Iòrdan an‑diugh, gu dol a‑steach a shealbhachadh chinneach as mò agus as treasa na thu fhèin, bailtean mòra agus daingnichte suas gu nèamh;
Agus nuair a thàinig iad gu crìochan Iòrdain, a tha ann an tìr Chanàain, thog clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-threubh Mhanaseh altair an sin làimh ri Iòrdan, altair mhòr ri amharc oirre.
A‑chum gum bi seo na chomharradh nur measg, a‑chum nuair a dh’fhiosraicheas ur clann anns an àm ri teachd, ag ràdh, Ciod as ciall dhuibh leis na clachan seo?