Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 4:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus àithnibh dhaibh, ag ràdh, Thugaibh leibh o seo à meadhon Iòrdain, as an àit anns an do sheas casan nan sagart gu daingeann, dà‑chloich-dheug; agus bheir sibh iad thairis leibh, agus cuiridh sibh iad anns an àite-tàimh anns an gabh sibh fois a‑nochd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus bidh a’ chlach seo, a chuir mi suas na carragh, na taigh aig Dia: agus de gach nì a bheir thu dhomh, bheir mi gu cinnteach an deicheamh dhut.

Beannaich an Tighearna, O m’anam, agus na dìochuimhnich a thìodhlacan uile.

Tha an Tighearna na theampall naomh; tha rìgh-chathair an Tighearna anns na nèamhan; chì a shùilean, rannsaichidh a rosgan clann nan daoine.

Agus fhreagair esan, agus thubhairt e riu, Tha mi ag ràdh ribh, nam fanadh iad sin nan tosd, gun glaodhadh na clachan fhèin.

Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh uile, Feuch, bidh a’ chlach seo na fianais dhuinn; oir chuala i uile bhriathran an Tighearna a labhair e rinn: bidh i uime sin na fianais nur n‑aghaidh-se, air eagal gun àicheadh sibh ur Dia.

Agus cho luath is a shocraicheas na sagartan a tha a’ giùlan àirc an Tighearna, Tighearna na talmhainn uile, buinn an cas ann an uisgeachan Iòrdain, bidh uisgeachan Iòrdain air an sgaradh o na h‑uisgeachan a thig a‑nuas on àirde; agus seasaidh iad nan tòrr.

An sin ghairm Iosua air an dà‑fhear-dheug, a dheasaich e à cloinn Israeil, fear as gach treubh.

Agus rinn clann Israel amhail mar a dh’àithn Iosua, agus thog iad suas dà‑chloich-dheug à meadhon Iòrdain, mar a labhair an Tighearna ri Iosua, a rèir àireamh treubhan chloinn Israeil, agus ghiùlain iad leo thairis iad don àit anns an do ghabh iad tàmh, agus chuir iad sìos an sin iad.

An sin ghabh Samuel clach, agus shuidhich e i eadar Mispeh agus Sen; agus thug e Eben-eser mar ainm oirre, agus thubhairt e, Gu ruige seo chuidich an Tighearna leinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan