Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 4:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑chum gun aithnich sluagh na talmhainn uile làmh an Tighearna, gu bheil i cumhachdach: a‑chum gum bi eagal an Tighearna ur Dia oirbh am feasd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

A‑chum gum bi eagal orra romhadsa rè nan uile làithean a bhios iad beò anns an fhearann, a thug thu dar n‑athraichean.

A‑chum gum bi fhios aig uile shluagh na talmhainn gur e an Tighearna as Dia ann, agus nach eil ann ach e.

A‑nis, matà, O Thighearna ar Dia, saor sinn, guidheam ort, as a làimh, a‑chum gum bi fhios aig uile rìoghachdan na talmhainn gur tusa an Tighearna Dia, thu fhèin ad aonar.

Agus thill e a dh’ionnsaigh an duine le Dia, e fhèin agus a chuideachd uile, agus thàinig e, agus sheas e na làthair; agus thubhairt e, Feuch, a‑nis tha fhios agam nach eil Dia anns an talamh uile ach ann an Israel: a‑nis, matà, guidheam ort, gabh tìodhlac od sheirbhiseach.

Uatsa tha a’ teachd araon saoibhreas agus urram, agus tha thu a’ rìoghachadh os cionn nan uile, agus ann ad làimh tha cumhachd agus neart; agus ann ad làimh tha e neach a dhèanamh mòr, agus neart a thoirt do gach uile.

A bheil gàirdean agad cosmhail ri Dia? No an dèan thu tàirneanach le guth cosmhail ris-san?

Gidheadh theasairg e iad air sgàth a ainme fhèin, a‑chum gun nochdadh e a chumhachd.

Agadsa tha gàirdean neartmhor; is làidir do làmh, is àrd do dheaslàmh.

Is adhbhar eagail Dia gu mòr ann an coitheanal nan naomh, agus is còir urram a thoirt dha os an cionn-san uile a tha mun cuairt dha.

Agus chunnaic Israel an obair mhòr sin a rinn an Tighearna air na h‑Eiphitich, agus bha eagal an Tighearna air an t‑sluagh, agus chreid iad an Tighearna agus Maois a sheirbhiseach.

Tuitidh uamhann agus eagal orra, le meud do ghàirdean bidh iad tosdach mar chloich, gus an tèid do shluagh thairis, a Thighearna, gus an tèid an sluagh seo thairis, a cheannaich thu.

Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh, oir is ann a‑chum ur dearbhadh a thàinig Dia, agus a‑chum gum bi a eagal-san oirbh, air chor is nach peacaich sibh.

Agus gu deimhinn airson seo thog mi suas thu, a‑chum is gun nochdainn annad mo chumhachd, agus gum biodh m’ainm iomraiteach anns an domhan uile.

Leig an Tighearna ris a ghàirdean naomh ann an sùilean nan uile chinneach; agus chì uile iomallan na talmhainn slàinte ar Dè‑ne.

Agus nì mi riu coicheangal sìorraidh, nach till mi air falbh uapa, a‑chum math a dhèanamh dhaibh; agus cuiridh mi m’eagal nan cridhe, a‑chum nach dealaich iad rium.

Agus chì uile chinnich na talmhainn gun goirear ainm an Tighearna ort, agus bidh eagal orra romhad.

A‑chum gum biodh eagal an Tighearna do Dhia ort, gun gleidheadh tu a reachdan uile, agus a àitheantan, a tha mise ag àithneadh dhut, thu fhèin, agus do mhac, agus mac do mhic, uile làithean do bheatha, agus a‑chum gum buanaichear do làithean.

Air an là‑an‑diugh bheir an Tighearna thairis thu dom làimh-sa, agus buailidh mi thu, agus buinidh mi dhìot do cheann, agus bheir mi closaichean feachd nam Philisteach air an là‑an‑diugh do eunlaith an adhair, agus do fhiadh-bheathaichean na talmhainn; a‑chum gum bi fhios aig an talamh uile gu bheil Dia ann an Israel.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan